Òran air a sgrìobhadh le: Mà iri NicDhùghaill (NicDhòmhnaill) agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu.
This is a song written by: Mà iri NicDhùghaill (NicDhòmhnaill) and sung by: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu.
Leanabh an à igh, an leanabh aig Mà iri,
Rugadh san stà ball, Rìgh nan Dùl;
Thà inig don fhà sach, dh'fhuiling nar n-à ite
Son' iad an à ireamh bhios dha dlùth.
Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
'S geà rr gus am falbh iad, 's fà saidh iad anfhann,
An à illeachd 's an dealbh a' searg san ùir.
Cha b' ionann 's an t-Uan thà inig gar fuasgladh
Iriosal, stuama, ghluais o thùs;
E naomha gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh;
Dh'èirich e suas le buaidh on ùir.
Seo leanabh an à igh a dh'aithris na fà idhean;
'S na h-ainglean à rd, b' e miann an sùl;
'S E 's airidh air grà dh 's air urram thoirt dha -
Sona an à ireamh bhios dha dlùth.
'S ann am Betlehèm thà inig an sgeul
'S binne da threud na teudan ciùil;
Armailt nam Flaitheas is aingle neimh
Ag à rd mholadh Dhè 's a' seinn a chliù.
Ⱦ±²õ³Ùibh an fhuaim le sgeula nam buadh
A dh'aithris na buachaillean o thùs;
Gheibh sibh an t-Uan sa phrasaich na shuain
'S e shaoras a shluagh le buaidh 's le cliù.
Teagasg a Rìgh dhuinn slighe na sìthe
Nad cheumaibh dìleas cùm sinn dlùth;
Thusa bha dìleas dhuinn o shìorr'achd
Urras ro chinnteach air ar cùl.
Neartaich ar dòchas, meudaich ar n' eòlas
Cuir sinn nad ròidean dìreach dlùth;
Le ola nar lòchrain mar ris na h-òighean
A' seinn ann an glòir an òrain ùir.
Chaidh Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gà idhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig ÃŒleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghà idhlig ÃŒleach GhlaschuCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.