Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Seòras L. Moireach agus air a sheinn le: Donella NicLeòid agus Murchadh Dòmhnallach (Wasp).
This is a song written by: An t-Urr. Seòras L. Moireach and sung by: Donella NicLeòid and Murchadh Dòmhnallach (Wasp).
Air eilean mo ghaoil is caoimh leam tric a bhith seinn,
'S a' luaidh air a chliù tha dlùth dhomh latha 's a dh'oidhche'.
'S ann ort a tha m' ùidh, mo mhùirn 's mo chiatamh a-chaoidh,
'S nuair thèid mi dhan ùir b' e mo dhùrachd laighe nad ghlinn.
Ged shiubhail mi bhuat thar chuantan fad' agus cian,
Is tric ort mo smuain, 's b' e gluasad thugad mo mhiann.
Cha tachair rium à it' gu brà th cho fallain 's cho fial
Ri Leòdhas mo ghaoil, an fhraoich, nan gleannan 's nan sliabh.
Is tric mi nam smuain toirt cuairt air eilean mo ghrà idh,
Le cuimhn' air gach caochladh dh'fhaodas tighinn air à it';
Tha mo dhà imh riut cho buan 's nach fuasgail nì ach am bà s,
Thèid mi thugad air chuairt nuair 's cruaidhe bhitheas mo chà s.
Nis beannachd gu brà th don à it' sna thogadh mi òg,
Mur faic mi thu chaoidh bidh mo chuimhn' ort fhad 's bhios mi beò,
Bha beagan de thìde phrìseil agam nad chòir
Nach cuir mi air chùl, gus an dùinear tharam na fòid.
'S a-nise le tùrs co-dhùinidh mise mo cheòl,
Bhon dhealaich mi bhuat 's nach dual gun coinnich nas mò.
Gus an togar sinn suas on uaigh nuair bhristeas an lò
'S an èirich an sluagh fon bhruaich a chaidil gun deò.

Rugadh Murchadh Dòmhnallach, Murchadh Dhol no "Wasp" air an dara latha den Lunastal, 1947, ann an Siadar air taobh siar Leòdhais. Bha aona bhrà thair aige, ...
Fiosrachadh air Murchadh Dòmhnallach (Wasp) / Learn more about Murchadh Dòmhnallach (Wasp)Rugadh Donella NicLeòid ann an Steòrnabhagh air 3 Dà mhair, 1963. Ged a bha dachaigh an teaghlaich ann an Glaschu aig an à m, thill a mà thair, ...
Fiosrachadh air Donella NicLeòid / Learn more about Donella NicLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.