
Rugadh Murchadh Dòmhnallach, Murchadh Dhol no "Wasp" air an dara latha den Lunastal, 1947, ann an Siadar air taobh siar Leòdhais. Bha aona bhrà thair aige, Aonghas, agus aona phiuthar, Peigi Mà iri.
Chaidh e do sgoiltean Airidh an Tuim agus Lìonal agus an uair sin thug e a-mach a chiùird mar shaor. Bho chionn timcheall air còig bliadhna deug tha e air a bhith ag obair aig Taighean Innse Gall, ann a' Steòrnabhagh.
Phòs e fhèin agus Cathy, tè de mhuinntir Bharabhais, ann an 1970, agus tha triùir chloinne aca.
Bhiodh athair agus mà thar Mhurchaidh a' seinn aig an taigh agus aig cèilidhean. B' ann ann a' Lunnainn a phòs iad agus bhiodh iad a' seinn am measg Gà idheil a' bhaile sin cuideachd. Bhiodh athair agus uncail dha Murchadh a' cluich a' mheileòidian agus thòisich Murchadh e fhèin a' cluich nuair a bha e mu sheachd bliadhna a dh'aois. Fhuair e meileòidian bho phà rantan aig aois 14.
Thòisich e a' seinn san sgoil agus aig an taigh, ag ionnsachadh òrain bho phà rantan agus bho mhuinntir a' bhaile a bhiodh a' tighinn a chèilidh. Bhiodh e a' seinn am measg dhaoine aig à m na Bliadhn' Ùire, aig pà rtaidhean, air an t-slighe dhachaigh bho dhannsan agus, mean air mhean, thòisich daoine a' cluinntinn mun ghille seo aig an robh guth cho fìor mhath agus dòigh air leth air seinn.
Ann an 1985 dh'iarr Còisir Lacasdail air tighinn a sheinn còmhla riutha. An dèidh sin thòisich e cuideachd a' seinn leis fhèin aig consairtean agus cèilidhean, tric aig cuirmean a bha airson airgead a thogail do bhuidheann no adhbhar air choireigin.
Ann an 1989 chaidh e chun a' Mhòd Nà iseanta ann a' Steòrnabhagh agus choisinn e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs. An dèidh sin bha cuireadh aige seinn an iomadh à ite eadar Lunnainn agus Èirinn, agus air feadh Alba.
Rinn e dà chèiseag de dh'òrain, a' chiad tè Mod Traditional Medallist ann an 1989, air a clà radh san taigh aige cha mhòr fhad 's a bha e a' gabhail pà irt sa Mhòd, agus an tèile, Ã’°ù²¹¾±²Ô bho Muir agus Tìr ann an 1991. Air a' chiad chèiseag chlà r e òran a chaidh a sgrìobhadh le brà thair a mhà thar, Ã’ran a' Phort Hardy le Ailig Mà rtainn, no Froilig, mar is fheà rr a dh'aithnichear e.
Chan eil Murchadh a' seinn mòran an-diugh ach tha e a' cluich a' mheileòidian ann an còmhlan-ciùil còmhla ri Donaidh, a mhac. Tha e a' cuideachadh Eilidh, an t-ogha aige, le seinn agus òrain Ghà idhlig.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.