Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Moireasdan (Murchadh a' Bhocs) agus air a sheinn le: Anna Nic na Ceà rdaich, Kathleen NicDhòmhnaill agus Kitty NicLeòid.
This is a song written by: Murchadh Moireasdan (Murchadh a' Bhocs) and sung by: Anna Nic na Ceà rdaich, Kathleen NicDhòmhnaill and Kitty NicLeòid.
O seinnidh mise rann air an fhonn seo an-drà st',
Bu toigh le ar sinnsir, b' iad laoich nam beann à rd,
'S a-chaoidh do thìr nan Gà idheal mo spèis-sa bidh buan,
'S don eilean laigheas à lainn sa cheà rnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghrà idh.
Tha 'n cuan an iar ga chuartach 's a' bualadh ri thrà igh,
'S na caoil cluinnear nuallan is fuaim a' mhuir là n,
Gu fasgadh nam mòr-bheann thig na h-eòin bhà rr a' chuain,
Don eilean laigheas à lainn sa cheà rnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghrà idh.
Nuair dh'iathas ceò na h-oidhch' anns na glinn, 's air gach blà r,
Gur sà mhach is ciùin iad, 's gach dùil annt' nan tà mh,
'S gun bhriseadh air an t-sà mhchair ach dà n coilich-ruaidh,
San eilean laigheas à lainn sa cheà rnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghrà idh.
Tha sluagh ann tha bà idheil is cà irdeil gun ghruaim,
Is laoich a tha là idir 's gach càs a bhiodh cruaidh.
Bratach na Gà idhlig gu brà th cumar suas,
San eilean laigheas à lainn sa cheà rnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghrà idh.
Cha tèid mi dhèanamh tà ire air à it' fo na neòil,
Is toigh leam tìr nan Gà idheal, a cà nain 's a ceòl,
Ach don à it' san deach m' à rach mo ghrà dh-sa bidh buan,
'S don eilean laigheas à lainn sa cheà rnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghrà idh.

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thà inig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Anns a' bhliadhna 1914, rugadh Kitty NicLeòid anns na h-Innseachan, far an robh a h-athair Coinneach MacLeòid, Coinneach Aonghais Ruaidh no A' Gheinn, à Adabroc ...
Fiosrachadh air Kitty NicLeòid / Learn more about Kitty NicLeòid
'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceà rdaich ach buinidh a teaghlach do ...
Fiosrachadh air Anna Nic na Ceà rdaich / Learn more about Anna Nic na Ceà rdaichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.