Rugadh Murchadh Moireasdan (Murchadh a' Bhocs) ann am Mullach an Tòil, aig 22 Siadar Bharabhais ann an Leòdhas air 12 Mà rt, 1884. B' e a b' òige den teaghlach agus bha dithis pheathraichean agus triùir bhrà ithrean aige. Chaill iad an athair nuair a bha e deich bliadhna a dh'aois.
Chaidh am fearann air an do rugadh e gu a bhrà thair, Daibhidh, ach chan eil duine de dhlùth chà irdean Mhurchaidh ann an Leòdhas an-duigh.
Bhuineadh e do theaghlach glic, gleusta agus rinn iad cinnteach gu robh comas leughaidh aige ann an Gà idhlig. Nuair a bha e ann an sgoil na sgìre, aig aois 13, choisinn e a' chiad duais airson eadar-theangachadh salm Bheurla gu Gà idhlig agus riamh bhon uair sin bha tlachd agus ùidh aige ann a bhith a' sgrìobhadh ann an Gà idhlig.
Bha e trì bliadhna aig an taigh an dèidh an sgoil fhà gail agus, ann an 1903, chaidh e a Steòrnabhagh a dh'ionnsachadh fuineadaireachd ann am bùth Chaluim MhicDhòmhnaill air Srà id Chromwell. Fad nam bliadhnaichean sin bha e cuideachd anns na Saighdearan Saor-thoileach.
Ann an 1906, thug e Glaschu air. As a' bhaile b' e Bà rd Shiadair a bh' aig daoine air, agus b' ann an Glaschu a rinn e mòran de na h-òrain air an robh fèill cho mòr nan latha.
Thà inig an leabhar aige, Fear Siubhal nan Gleann, le 24 de na h-òrain aige, agus beagan bà rdachd a dh'eadar-theangaich e bho Bheurla, a-mach ann an 1923. Aig toiseach an leabhair tha e ag innse:
"Tha còrr math is dusan bliadhna bho chaidh a' chuid as motha de na h-òrain seo a chuir ri chèile ann am Baile Ghlaschu. Bu tric a ruith mo smuain bho Bhaile nan Smùid a dh'ionnsaidh a' ghlinne san robh mi òg, agus a smaoinich mi air a' chuideachd chòir sin còmhla ris an robh mi aotrom òg.
Bu tric a sheinn sinn luinneag air tulach na h-à irigh an dèidh don chrodh a thighinn bho innis an latha, 's iad ag osnaich air bruaich a' ghlinne, agus ceò an anmoich a' seòladh air aodann nan sliabh, 's an coileach fraoich a' gogail shuas mu bhil nam fèith. Tha a' chuideachd sin a-nis sgapte air feadh gach ceà rnaidh."
Tha e cuideachd a' mìneachadh aon amas a bha aige:
"Rinn mi oidhirp air à ite thoirt beò agus a mhaise a chur an cèill air nach do rinn bà rd eile iomradh, 's e sin Gleann Easclaid. Chan eil à ite ann is maisiche leamsa na an gleann ud."
Sgrìobh e mu Ghleann Easclaid, chan ann a-mhain ann am bòidhchead an t-samhraidh, ach cuideachd sa gheamhradh:
Nis 's uaigneach thu sa gheamhradh fhuar
Cha chluinnear fuaim nan duan nad choir;
Gach ceileir bhinn tha paisgte suas
'S do shleibhtean gruamach fuar is reòit.
Sna cotain chan eil nuallain laoigh
No 'n crodh a-nuas na tuim nan dròbh;
Cha chluinnear duanag nìonag bhinn
Am beul na h-oidhche mach Tom Mòr.
'S is aonranach na tulaich à rd
A chuireadh smùid gu trà th mud bhruaich;
'S don ìocshlà int fhìor-ghlan 'm bainne blà th,
Far 'n tric a thrà igh mi là n na cuaich.
'S gur muladach do phòg an drà st'
Bho shruthan à lainn Crò an Rang
'S bho allt nan caorach ruith tron bhlà r
A nuas bho mhà thair Loch na Faing.
Lean Murchadh air, a' mìneachadh mar a bha e a' faicinn a' cheangal a bha aige mar bhà rd ri Leòdhas:
"Ged dh'fheumas òigridh Leòdhais am bith-beò a chosnadh air cladaichean cèin, agus dh'fhaodadh e bhith air a chaochladh, gidheadh cha ruig bà rd Leòdhasach a leas a dhol am measg beanntan na mòr-thìr no gu coilltean dlùth Ameireagaidh a dh'iarraidh biadh sùla agus inntinn airson òrain, tha maise gu leòr air mòinteach an fhraoich, agus ceòl gu leòr ann an osnaich a' chuain, ma chì agus ma chluinn sinn iad, a lìonadh iomadh leabhar."
Cha tèid mi dhèanamh tà ire air à it' bho na neòil
Is toigh leam tìr nan Gà idheal, a cà nain 's a ceòl.
Ach don à it' san deach m' à rach mo ghrà dh-sa bidh buan
San eilean laigheas à lainn sa cheà rnaidh mu thuath.
Leòdhas mo ghrà idh.
Rinn Murchadh an imrich a dh'Ameireagaidh ann an 1911 agus rinn e a dhachaigh ann an Niagara Falls, ann an Stà it New York. Bha e thall thairis airson an còrr de bheatha.
Chaochail e ann an 1965 ach tha òrain a rinn e leithid Leòdhas mo Ghrà idh, 'O Thugainn a Rùin', 'Slà n le Leòdhas nam Beann Fuar', 'Duanag an t-Saighdeir' agus Nuair Dh'iathas Ceò an Fheasgair Dlùth air an seinn fhathast.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.