Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mà iri Anna NicUalraig.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: MÃ iri Anna NicUalraig.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hìthillean na hìllean ì,
Hìthillean na hìllean ò,
Fà ill ill èile 's hò ro ì,
Mo thruaighe mi mur faigh mi thu.
Tha mi an seo mar dhruid an crann,
An dèidh a cuid eun a chall;
Seacharan air dol am cheann,
'S ged thig an t-Ã m cha chaidil mi.
Thasgaidh mo chridhe is mo chlèibh,
Chuireadh tu air feadan gleus;
Dhannsadh tu air ùrlar rèidh
Gu lùghmhor, eutrom, aighearach.
Dh'fhà g thu mise dubhach, trom,
'S thaobh thu crannagan nan long;
Ged a bhiodh do phòca lom,
Gun nì, gun fhonn, gun gabhainn thu.
'S e mo cheist fear a' chùil bhà in;
B' aotrom do cheum air srà id;
On a chaidh thu null thar sà il'
Tha mi on latha sin acaineach.
Fhuair mi do litir a-nall,
Air a sgrìobhadh leis a' pheann,
Thà in an Nollaig 's dh'fhalbh an t-à m
On gheall thu tighinn gam amharc-sa.
Tha mi gun airgead is gun òr,
Chan e seo a rinn mo leòn,
Ach nach fhaic mi thu rim bheò
A' seòladh taobh an fhearainn seo.

Rugadh agus thogadh Mà iri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a mà thair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...
Fiosrachadh air Mà iri Anna NicUalraig / Learn more about Mà iri Anna NicUalraigCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.