Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Bà rd Sgallach) agus air a sheinn le: Alasdair Boidhd.
This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am BÃ rd Sgallach) and sung by: Alasdair Boidhd.
Aonghais Òig rìomhaich
Gun seinneadh pìob leat is bratach,
Air each aigeannach cruidheach
A ghearradh dìreach an t-astar;
'S e mo chrà dh do chorp chùbhraidh
'N a laighe dlùth ris an aigeal,
Gun deach d' anam do Phà rras;
Na h-ostail chà irich do leaba.
Dia a ghleidheadh an cèille
Do na dìlleachdain uasal,
A dh'fhà g thu ad dhèidh,
'S e seo am foghar a ghuail iad:
Cha robh leithid an athar
Ann an cliù no maitheas mun cuairt daibh
An treas pears' san Roinn Eòrpa
Na shuidh an còmhlan dhaoin' uaisle.
Thuit a' chraobh leis an duilleach,
Chrìon am bun 's gun do chrìon e;
An latha rinneadh do bhà thadh
Gun robh an t-Àrd Righ san fhianais;
Gun robh an uair air a cumadh,
Gaoth is sruth mar an ceudna:
Chuir siud thairis an t-eathar
Mo chreach! mu leitheach an lìonaidh
Thug thu rà imh do na gillean,
Cha robh tuilleadh a dhìth ort;
Bha thu 'n dùil mar a b' à bhaist
Gun robh do shnà mh mar an fhaoileag,
Gun robh do shnà mh mar an eala,
A dh'fhalbhadh aigeannach, aotrom;
Pearsa dhìreach, dheas, dhealbhach,
'S bochd a dh'fhalbh thu gun aois uainn.
Bu tu sealgair a' mhonaidh
Leis a' ghunna nach diùltadh,
Air damh cròcach nan cabar,
A leumadh aigeannach, sunndach;
Nan leumadh gu marbhadh;
Bha thu d' shealgair bho dhùthchas;
Ròn, eala, is earbag
Nan gearra-chasa lùthmhor.
Nuair a chruinnicheadh an camp
Bu tusa ceannard nan daoine;
An rud a theireadh tu dhèant' e,
No dh'fheuchadh tu faobhar.
CÃ ite 'n robh ann an Alba,
Trà th sheasadh tu calma fo d' aodach,
A h-aon a labhradh riut dà na?
B' e 'n t-eun a b' Ã irde sa chraoibh thu!

Rugadh Alasdair Boidhd aig 58 An Clachan Mòr, anns an Ìochdar, air 20 Dà mhair, 1889. B' e Eòghainn Dhòmhnaill Nìll a bhuineadh do Bharraigh a ...
Fiosrachadh air Alasdair Boidhd / Learn more about Alasdair BoidhdCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.