Bha Aonghas Caimbeul, Aonghas Mac Dhòmhnaill 'ic Eòghainn, no Am Bà rd Sgallach, beò uaireigin as an dara leth dhen t-seachdamh linn deug is mu thoiseach an ochdamh linn deug. B' e tà illeir a bh' ann, a bhiodh tric a' frithealadh air uaislean Uibhist agus air na Dòmhnallaich, gu h-à raidh de mhuinntir Bheinn na Fadhla. Bha e ainmeil na latha airson cho sgaiteach sa bha e, daonnan a' cluiche cleasan air daoine eile agus a' tarraing asta.
Rinn e Marbhrann do dh'Fhear Àirigh Mhuilinn an dèidh do fhear a bhith air a bhà thadh ann an tubaist ann an Loch Aoineart mun Fhaoilleach 1809.
B' e Fear Àirigh Mhuilinn a chante ris a' Chaiptean Aonghas Òg Dòmhnallach, mac le brà thair Flòraidh NicDhòmhnaill a chuidich am Prionnsa Teà rlach nuair a bha e fon choill an dèidh Blà r Chùil Lodair.
A rèir na sgeòil bha triùir ghillean còmhla ris ann an sgoth agus iad a' dol le luchd mhòr ceilp gu bà ta-ceilpe a bha aig acair san loch. Bha an t-sìde bagarrach agus ged a dh'iarr Aonghas Òg air a chompanaich pà irt dhen cheilp a thilgeil thairis air a cliathaich, dhiùlt iad sin a dhèanamh. Aig a' cheann thall chaidh an sgoth fodha.
B' e snà mhaiche là idir a bh' ann an Aonghas is thug e na rà imh do a chompanaich mar tha am bà rd ag innse:
Thug thu rà imh do na gillean,
Cha robh tuilleadh a dhìth ort;
Bha thu 'n dùil mar a b' à bhaist
Gun robh do shnà mh mar an fhaoileag;
Gun robh do shnà mh mar an eala,
A dh'fhalbhadh aigeannach, aotrom;
Pearsa dhìreach, dheas, dhealbhach,
'S bochd a dh'fhalbh thu gun aois uainn.
Thòisich Aonghas ri snà mh chun na tìr ach chionns gu robh e am beachd a dhol a shealg an dèidh faighinn cuidhteas an luchd ceilp, bha grunn choin san sgòth cuideachd. Ghabh iad sin greim air am maighstir airson a tharraing gu sà bhailteachd ach 's ann a rinn seo a shuidheachadh na bu mhiosa agus chaidh a bhà thadh.
Dh'fhà g Am Bà rd Sgallach sealladh againn air dachaigh Aonghais Òig Àirigh Mhuilinn ann an òran eile:
Gheibhte siud am beul feasgair
Ann ad fhà rdaich-sa beadradh is mùirn;
Bùird mhòra gan leagadh
Is an à irneis bu deis os an cionn;
Bhiodh na deochanna brasa
Gam brosnacha seachad air thùs,
Anns na cupanna breaca
Is fir òga gan aiseag gu dlùth.
Gheibhte siud ann ad fhà rdaich
Ceòl fìdhl' agus dà na cur leis;
Taigh nan uinneagan clà raidh
Far am faigheadh na h-Ã raidhean meas.
Dhòmhsa b'fhurasta rà dhtainn
Gum b'e siud mo cheòl-gà ire car greis,
Cha biodh cuideachd mar dhà imh ort
Bhiodh tu fhèin nad cheòl-gà ire nam measg.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.