Òran air a sgrìobhadh le: Bean Chrà bhach Notre Dame agus air a sheinn le: Còisir Eaglais Naomh Bà rr agus Pòl MacCalum.
This is a song written by: Bean Chrà bhach Notre Dame and sung by: Còisir Eaglais Naomh Bà rr and Pòl MacCalum.
A Mhà thair Mhic Dè, a Mhà thair Mhic Dè,
Dè ni mi iarraidh bhuat?
Chan ionntas brèagh'
A tha nam mhiann,
No sòlas gun fhiach nach buan.
A Mhà thair Mhic Dè, a mhà thair Mhic Dè,
Seo agad mo mhiann 's mo smuain,
Mi dh'fhaicinn lem shùil,
Aon sealladh de ghnùis,
An Leanaibh as à irde luach.
A Mhà thair Mhic Dè, a Mhà thair Mhic Dè,
Sheall thu Dha 'n gaol gun phrìs,
San stà ball fhuar
An NÃ saret thruagh,
Am bailtean beag Ghaililee.
A Mhà thair Mhic Dè, a Mhà thair Mhic Dè,
Dhutsa cha diùlt E nì.
Nuair sheallas E suas,
'S E nad ghà irdeanan suaint',
O cuimhnich dha, Mhoire, mo dhìth.
A Mhà thair Mhic Dè, a Mhà thair Mhic Dè,
Clann daoine tha ris cho fuar:
Air an dalladh le sannt,
Chan èisd iad ann -
Cha lèir dhaibh ach gann a luach.
A Mhà thair Mhic Dè, a Mhà thair Mhic Dè,
Led Mhacan thig fhèin a-nuas,
'S bheir mise dha à it,
Na mo chridhe gu brà th,
Is fasgadh is fà rdach bhuan.
A Mhà thair Mhic Dè, a Mhà thair Mhic Dè,
Ciamar sheallas mi dhut mo ghaol?
Bheir mi grà dh dhad Mhac
Lem uile neart,
'S e Esan mo Dhia 's mo Rìgh.
A Mhà thair Mhic Dè, a Mhà thair Mhic Dè,
Seo agad mo mhiann 's mo rùn,
Gur à irde mo ghrà dh
Do Leanabh an à igh
Na bhios e dom chà irdean dlùth.
A Mhà thair Mhic Dè, a Mhà thair Mhic Dè
Tha mise mar luing gun stiùir
Air chuantan garbh,
A' strì ri fairg',
Gun chombaist, gun fhailm, gun siùil.
A Mhà thair Mhic Dè, a Mhà thair Mhic Dè
Nach seall thu dhomh cala is cùrs,
'S a Mhoire mo ghrà idh,
Bi romham air trà igh
'S do Leanabh na sholas gam iùil.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Gheibh sibh dealbh air Mà iri agus Peigi Anndra ann an dà leabhar le Mairead Fay Shaw: Folksongs and Folklore of South Uist (Oxford University Press 1977, Birlinn 1999) agus From the Alleghenies to the Hebrides (Birlinn 2000).
Rugadh Pòl MacCalum ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu ann an 1963. Thà inig e a dh'Uibhist ann an 1967 a dh'fhuireach air taobh a ...
Fiosrachadh air Pòl MacCalum / Learn more about Pòl MacCalumBha ceud bliadhna ann, ann an 2006, bho chaidh Eaglais Naomh Barr fhosgladh anns a' Bhà gh a Tuath ann am Barraigh. Ron sin, bha aig ...
Fiosrachadh air Còisir Eaglais Naomh Bà rr / Learn more about Còisir Eaglais Naomh Bà rrCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.