
Rugadh Pòl MacCalum ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu ann an 1963. Thà inig e a dh'Uibhist ann an 1967 a dh'fhuireach air taobh a deas Loch Baghasdail, ann am baile a bha cho beartach ri gin an Uibhist a thaobh òrain is dualchas. B' e sin Taobh a Tuath Ghleann Dail.
Chaidh Pòl a thogail còmhla ri Flòraidh agus Dòmhnall Iagain Dhòmhnaill Mhòir agus am mà thair, Peigi. Na ghiullan òg, bhiodh Pòl a' falbh còmhla ri Flòraidh gu taigh Chloinn Anndra far an robh ise na cuidiche taighe. Sin mar a fhuair e eòlas air na seinneadairean, Mà iri agus Peigi NicRath is tha cuimhne mhath aige air Peigi a bhith toirt suiteis dha à pòca a h-aparan. 'S ann as an dachaigh sin a chuir e a' chiad eòlas air bà rdachd, òrain is dualchas Uibhist.
B' e George Alexander, an tidsear-ciùil mu dheireadh a bh' aige ann an Sgoil Dhalabroig, a thug ceòl clasaigeach gu aire. Gu h-inntinneach bha na daoine bhon d' thà inig e an sàs ann an ceòl clasaigeach agus tha ùidh mhòr aig Pòl anns an nòs ciùil seo.
Thòisich e a' seinn aig Mòdan ionadail is e glè òg. 'S ann aig Mòd Loch Abar ann an 1985 a choisinn e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs agus dà bhliadhna às dèidh sin, aig Mòd Shruighlea, ghlèidh e Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich.
Tha Pòl e air a bhith seinn an iomadh à ite, air feadh Bhreatainn, an Èirinn, an Amaireaga, agus an Canada. Na obair là itheil tha e trang a' còcaireachd agus a' teagasg pà irt-ùine.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.