Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mà iri NicAonghais.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: MÃ iri NicAonghais.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
O hì hogaidh ò
Mhòrag 's na hò ro gheallaidh
O hì hogaidh ò
'S muladach 's muladach tha mi
dol dhan trà igh a bhuain feamad.
Dol dhan trà igh is gun mi eòlach
's gun na gillean òg aig baile.
Dol dhan trà igh a bhuain a' mhaoraich
's nach fhaic mi mo ghaol a dh'fhearaibh.
Cha b' ann an taigh fàs nam ònrachd
fhuair mi eòlas air mo leannan.
Calpa grinn an stocainn bhà in
a dhìreadh a' bheinn à rd gun anail.
Nuair a dheigheadh tu dhan bheinn fhiadhaich,
bu throm do thriall chun a' bhaile.
Led ghunna, led adhairc fhùdair,
do ghillean 's do chù na dheannaibh.

Rugadh Mà iri Nic Aonghais air 15 Lùnastal 1964 ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Mà iri NicAonghais / Learn more about Mà iri NicAonghaisCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.