Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacLeòid (Iain Dubh Dhòmhnaill nan Òran) agus air a sheinn le: Ùisdean MacRath.
This is a song written by: Iain MacLeòid (Iain Dubh Dhòmhnaill nan Òran) and sung by: Ùisdean MacRath.
O mo mhà thair an Airnicreap, 's trà th chuir mi riut mo
chùl
Chan urrainn gu bheil fà bhar an t-Slà naighear gu
bhith a' cura leam;
Tha mise 'n seo gu stà iteil an drà sta 's mi fon an
iùil,
Air long nan crann à rda 's gun dà il oirre ach ruith gu
luath.
Ged tha mi 'n seo gu spòrsail, am bosun-mate os cionn
a' chriùth',
Thug an sealladh brònach na deòir a bhith ruith bho
m' shùil,
'S mi 'g amharc gun phròsbaig air mòintichean gleann mo
rùin
Air 'n do thogadh òg mi, 's na h-òighean tha 'n-diugh
fon ùir.
O's cuimhneach leam, a Mhà iri Chaimbeul, 's bu
chuimhneach leam thu bhith tà mh
Anns a' chnocan aoibhneach as t-samhradh a bhiodh cho
blà th;
Tha thu na do nighean spèiseil os cionn na bheil anns
an à it'-
'S e do theanga bhaindidh nach cluinnteadh a bhith cur
air cà ch.
'S gur mise bhiodh cho spòrsail Didòmhnaich a' dol don
ghleann
'S nighneagan an à ite air an rathad a' dol dhan
taigh-sheinn,
'S iad air an còmhdach mar fhaoileag air sruth nan tonn
–
O ghruaidhean an aodann mar chaorann air bhà rr nam
meang.
O soraidh bhuam a dh'Anna Chaimbeul, 's tu
dh'fhaighneachdain an-diugh thar chà ich;
Nuair a bhithinn tinn, 's e do bhrìodal a dhèanadh
slà n;
'S nuair a bhios mi trom, bidh mi cuimhneachadh ort a
ghnà th
Is mi togail d'fhonn, le fonn, leis a h-uile dà n.
Fhir a bhios a' feòrach no meòrach cò rinn an duan,
Innis gur e Leòdach a sheòl air a h-uile cuan,
'S a bhios aig an stiùir nuair a dhùisgeas na tonnan
uain' -
Nach sona dhutsa, Fhionnlaigh, gun do dh'ionnsaich
thu cur is buain.
Rugadh Ùisdean MacRath ann an Caileabost san Eilean Sgitheanach. Bha a mhà thair à Cill Mo Luthaig agus, mar a dh'innis e-fhèin air prògram Gà idhlig a' ...
Fiosrachadh air Ùisdean MacRath / Learn more about Ùisdean MacRathCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.