"Mac stròdhail nam bà rd a shiubhail iomadh cuan. Gus na rà inig e ceann a rèis am Montreal, cha do rinn e tà mh ann am bad sam bith ach airson tacan. Ach a dh'aindeoin sin dh'fhà g e ionmhas de dh'òrain 's de bheul-aithris às a dhèidh."
Sin beachd an sgoileir Seumas Ros, e fhèin à Gleann Dail san Eilean Sgitheanach, air Iain MacLeòid, Iain Dubh Dhòmhnaill nan Òran.
Tha òrain a bhrà thair, Niall MacLeòid, rim faotainn anns an leabhar Clà rsach an Doire (Gilleasbaig Mac na Ceà rdaich, Celtic Press, Glaschu, 1893) ach mar a sgrìobh an t-Urr. Iain MacAonghais ann an Gairm, Àireamh 82, Earrach 1973:
"Shealbhaich e a bhà rdachd o athair, Dòmhnall nan Òran, ach air dha òran a chuir ri chèile, bha e ag earbsa ri meamhair a luchd-èisteachd airson na rannan a ghleidheadh."
Chan eil cruinneachadh de dh'òrain Iain Dubh an clò agus 's beag a dh'fhios cia mheud aca a chaidh a chall.
Anns a' phrògram , a rinn Seumas Ros do roinn Gà idhlig a' BhBC, thug Donnchadh Iain Bhig, mac le piuthar a' bhà ird, an dealbh seo dhe:
"Gnoigearnach de dhuine, tiugh, dorcha. Falt dubh air, cho dubh ris an fhitheach. Cho dubh ris an fhitheach. 'S ann airson sin a thug iad Iain Dubh air. Bha e dubh air a h-uile dòigh."
Coltach ri gu leòr eile, bha Iain Dubh na sheòladair bho bha e na bhalach, a' tighinn 's a' falbh bhon dachaigh an Gleann Dail. Ach bha e an-à bhaisteach cuideachd mar a mhìnich an t-Urr. Iain MacAonghais:
"Bha e anabarrach sgileil ann an lùth-chleasachd is cleasan dìomhair is chaidh sgeul a-mach air feadh na Gà idhealtachd gun d' fhuair e an t-eòlas mì-nà darra sin ann an sgoil dhuibh anns an Eadailt.
Chan fhaca mi ach aon uair e. Sgonn de dhuine pearsanta, là idir, caran dorcha anns a' chraiceann, ach fealla-dhà is fearas-chuideachd na shùilean. Bha mise aig an à m nam bhalach fo aois sgoile. Bha Iain Dubh a' toirt spòrs de threud chloinne a bha a' geur-amharc air, an sùilean là n-fhosgailte le iongnadh. Bha Iain Dubh a' tarraing ribeanan, slatan is slatan dhe, a-mach às a bheul, is uighean às a chluais, is a' glacadh sgillinnean a bha a' tuiteam sìos a-mach às an adhar. Cha deachaidh na cleasan sin às mo chuimhne fhathast."
Ann am prògram Sheumais Rois thug Ailig MacNeacail, Ailig Brocair, eisimpleirean de na comasan neo-thuigsinneach a bh' aige:
"Bha iad air tighinn a-nall far bhòidse agus bha iad ag iarraidh air tìr agus cha leigeadh a' mate leotha a dhol air tìr gus an d' rachadh na deicichean a sguabadh an toiseach.
Thuirt Iain ris a' mhate gu robh na deicichean gu bhith air an sguabadh mar thà . "Fhalbh, 's seall suas," ars esan, "tha na bruisean ag obair." Dh'fhalbh a' mate suas 's bha a h-uile bruis riamh air an deic 's iad a' sguabadh leotha fhèin gun duine nan còir. Theab a' mate tuiteam!
Bha droch sgiobair aige, tha e coltach, 's cha robh e fhèin 's e fhèin a' tighinn a rèir a chèile idir. Bha an sgiobair a' smaointinn meall dhe fhèin agus nuair a bha e a' tighinn a-staigh gu ruige Cluaidh bha e air an drochaid agus dh'fhalbh Iain agus chuir e ceann mòr tairbh air! Na daoine a bh' air a' chidhe, cha robh fhios aca dè am beathach a bha shuas air an drochaid idir. 'S cha robh an sgiobair a' faicinn sìon ceà rr air fhèin."
'S ann aig muir a bha Iain mar bu tric a' bà rdachd. Chan fhuireadh e air tìr oir bha tà ladh a' chuain ro là idir. A dh'aindeoin sin, tha cianalas ann an òrain leithid Mo Mhà thair an Àirnicreap. Air latha à raid Sà baid, bha e air bòrd soitheach a' seòladh deas tron a' Chuan Shiar, eadar an t-Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Siar. Lìon mulad e, is e a' coimhead as an dol seachad cnuic is glacagan Ghleann Dail air an robh e cho eòlach agus ris an robh e cho ceangailte.
Dh'eug Iain is e air falbh às an Eilean agus tha e air a thiodhlacadh ann am Montreal an Canada. Bha naidheachd a' dol nach do dh'fhàs bileag feòir a-riamh air an uaigh aige, ach chan eil sin idir fìor.
Mar a thuirt Seumas Ros a bha cho eòlach air an eachdraidh aige agus air a bhà rdachd:
"Chan eil sìon a dhearbhadh ri fhaotainn gu robh droch rùn aige do neach sam bith. Cha do ghortaich e duine neo-chiontach riamh le chuid bà rdachd. An corra uair a rinn e fanaid, faodar aontachadh nach b' ann gun adhbhar, 's nach robh e riamh guineach.
Chan eil e furasta dhuinn dealbh mar gum biodh a tharraing dhan an duine seo. Ach bhon an tuar a chuir e air fhèin bha anam teò-chridheach. Tha mi smaoineachadh gu bheil sinn a' faicinn sna briathran aige air Latha na Sà baid ud, 's an long air an robh e ag imeachd suas a' Chuan an Iar, gu dè seòrsa duine a bh' ann an Iain Dubh. Cianalas is aithreachas, aithreachas agus cianalas an duine aonranaich."
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.