Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair Dòmhnallach, Ceap Breatainn agus air a sheinn le: Anna NicDhòmhnaill, Ceap Breatainn.
This is a song written by: Alasdair Dòmhnallach, Ceap Breatainn and sung by: Anna NicDhòmhnaill, Ceap Breatainn.
O mo chaochladh mòr a thà inig;
O mo chaochladh, fa mo smaointean,
'S fad bho thìr mo ghaoil a tha mi.
O mo chaochladh mòr a thainig!
Gur h-e mise tha fo mhulad,
Bhon a dh'fhà g mi tìr nan curaidh;
'S mòr gum b' fheà rr na saoghal uile
Leam bhith fuireach ann am MÃ bou.
An t-Ã ite am b' Ã bhaist dhomh bhith tuineadh,
Far an robh mi òg nam ghiullan,
'S far a bheil mo chà irdean lurach,
Gum b' e 'm burraidh mi gan fà gail.
'S beag an t-ioghnadh mi bhith tùrsach,
Dh'fhà g mi Iain 's cha b' e diù e;
Dh'fhà g mi Aonghas agus Fionnlagh
'S a' fear mùirneach sin, an Tà illear.
Gum b' e siud an t-à rmann rìoghail,
Anns na dh'fhàs an nà dar dìreach,
Tha e cà irdeach dhomh trì filltean
'S mi nach diobair gu là -bhrà ch e.
Dh'fhà g mi ciadan às mo dhèidh
Air 'm bu mhiannach leam bhith tadhal;
'S gach aon taobh dan tugainn m' aghaidh,
Rium bu laghach iad 's bu bhà igheil.
'S iomadh mire agus banais
Air an d' rinn mi oidhche chaithris,
Ann am measg nan daoine glana
A bha fanachd ann am MÃ bou.
Ann an à m bhith cluich a' chiùil dhaibh,
Gum bu ghrinn iad air an ùrlar,
Dhannsadh iad ro chridheil, sunndach,
Modhail, ionnsaichte, gun fhà illinn.
Chan eil ann an-diugh ach tuaileas,
Gad a dh'fhà g e mi fo bhruaillean,
Liughad oidhche bha mi bruadair
Bhith mu bhruachan abhainn Mhà bou.
'S truagh, a rìgh, mar dh'fhà g mi 'n dùthaich
Anns an d' à raicheadh an tùs mi;
Thar gach à ite chì mo shùilean
Tha mo rùn air abhainn Mhà bou.
Thoir an t-soraidh seo le dùrachd
Dh'ionnsaidh 'n à ite sin a b' iùil dhomh,
'S ann à Mabou tha mo dhùchas,
Gur e siud an dùthaich à lainn.
Thug mi sgrìob a-null am bliadhna,
'S b' e siud leams' a' sealladh brèagha,
'G amharc nan à iteachan ciatach
Far 'm bu mhiannach leam bhi tà mhachd.
Ach nan tuigear fà th mo mhulaid,
'S beag an nà ire dhomh bhith tuireadh,
Bho nach eil an dà n dhomh tuilleadh
A bhith fuireach ann am MÃ bou.
A rèir an leabhair 'Guthan Prìseil', deasaichte le Anne Landin, a chaidh fhoillseachadh ann an 2010 ann an Ceap Breatainn, b' i Anna Dhòmhnallach nighean ...
Fiosrachadh air Anna NicDhòmhnaill, Ceap Breatainn / Learn more about Anna NicDhòmhnaill, Ceap BreatainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.