Rugadh Alasdair Dòmhnallach, am mac bu shine a bh' aig a' bhà rd ainmeil Ailean a' Ridge Dòmhnallach agus a bhean Catrìona Nic a' Phearsain, ann an 1823.
Nuair a bha e mu cheithir bliadhna fichead dh'fhà g e Mà bou airson a dhol a dh'fhuireach aig an Abhainn a Deas ann an Siorrachd Antigonish air tìr-mòr Alba Nuadh.
Rinn e grunn òrain a' moladh à ite à raich. Tha aon dhiubh sin, 'Chì mi Bhuam', a rinn e air latha 's e coimhead à Ceap Sheòrais, thairis air Caolas Northumberland gu a sheann dachaigh am Mà bou, ag rà dh:
'S e na thug mi dhith de m' rùn
Rinn mo dhùsgadh gu dà n,
'S gu bheil m' fharmad ris gach gnùis
Tha mu bhruaichibh a' tà mh.
Gu bheil togradh ann am inntinn
Bhith leibh mar a bha,
Ged tha fios agam 's cinnt
Ribh nach till mi gu brà th.
Anns an leabhar de bhà rdachd Ailean a' Ridge, As a' Bhrà ighe (University College of Cape Breton Press, 2004) a dheasaich Oighrig Rankin, tha e air innse gu robh Alasdair na dhuine aig an robh iomadh tà lant. B' e saor a bh' ann, ach bha e cuideachd na bhà rd agus na sheinneadair agus na fhìdhleir.
Thug e leis mòran den eòlas agus den fhiosrachadh a bha aig athair agus bhiodh e tric a' sgrìobhadh gu pà ipearan ionadail leithid MacTalla agus an Casket. Chuir e cuideachd fiosrachadh gu Keith Tormod Dòmhnallach a chleachd e anns an dà leabhar The Gesto Collection (1895) agus The MacDonald Bards (1900).
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.