Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh MacAoidh (Bà rd Iollaraigh) agus air a sheinn le: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) agus Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais).
This is a song written by: Ruaraidh MacAoidh (Bà rd Iollaraigh) and sung by: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) and Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais).
'S e mis' bhi fada bho thìr m' eòlais
Chuir le bròn gu gluasad mi
Bho'n tha 'n cianalas 'gam leòn
Gun eòlaich bhi mu'n cuairt orm
Fiachaidh mi ri teud mo bheòil
An cuir a 'n òrdugh duanag dhomh
Air Uibhist ghleannach ghorm an fheòir
'S air pà irt de dhòigh an t-sluaigh a th'ann.
Mullach Langais nuair a chì mi,
Bheir i inntinn shuaimhneach dhomh
'S aotrom a ghearras mi sìnteag
Dìreadh ris a' ghualainn aic';
Nochdadh sios ri Tìr an Àigh
'S ri tighean blà th an t-sluaigh a th' ann,
'S ri Eilein Bhoraghaidh air an trà igh,
Ged 's tric muir-là n ga chuartachadh.
'M Paibil, far 'n do bhlais mi trà th
Air bà idh na mà thar bhuan-ghrà dhaich
Far am fàs an t-eòrna 's fheà rr
Gu diasach, grà ineach, dualanach;
Dh' à raich iomadh laoch gun sgà ig,
'S na bà ird a b' fheà rr a chuala sinn;
Bidh e tigh'nn gu m' chuimhne ghnà th
Gach coibhneas 's bà idh a fhuair mi ann.
Bu bhrèagha a' sealladh 'sa mhìos Mhà igh
Na raontan là n de ghruagaichean,
Air an aghaidh fiamh a' ghà ire,
'S air an gà irdein buaraichean;
Dol do'n bhualaidh leis na laoigh,
Nì geum cho binn 's a chuala sinn,
An crodh 'gam freagairt aig a' chuidh,
'S gu 'm b'Ã rd a chluinnte nuallraich iad.
An Cille Mhoire 'n à m an òrduigh,
'S an à m am Bòrd a chuartachadh,
Dhìreamaid ri leathad Phòil,
'S bhiodh sealladh brònach, truasail ann,
Sean is òg a' sileadh dheòir
Air tolmain bhòidheach, uain-bhratach,
'S a' smaoineachadh luchd-dà imh nach beò,
Bhi sud fo 'n fhòd air fuarachadh.
Mnathan ciatach, tosdach, ciallach,
Modhail, rianail, luath-là mhach,
C' Ã it' an cualas riamh
An spìocaireachd bhi fuaighte riu?
'S minig thaisbein iad am fiallachd
'S iomadh gniomh le truacantas
Gur tric thug iad do'n acrach biadh
Is à ite-dìon bho 'n fhuachd thoirt dha.
Tìr mo dhaoine, Tìr mo ghrà idh,
Ged their cà ch gur duanaidh i;
Cha do dheà lraich grian air à ite
Leth cho à lainn snuadh rithe;
Ged nach fhaicear innte craobh
Gu'm faicear fraoch is luachair innt'
Is muran dubh-ghorm na raoin
'S iad taobh ri taobh gu cuaileineach.
Tha cuid shliabh mar bha iad riamh,
Gu fasgach, fiarach, fuaranach,
Cnocach, gleannach, sgorrach, grianach,
Lusach, riasgach, cruachanach.
Far am faigh a' chaora diol
'S gun èis gu 'm biath i h-uan orra,
'S bheir iad daonnan do an fhiadh
A dheoch, a bhiadh, 's a chluasagan.
Tha 'n sealladh mu dheireadh de'n ghrèin
'S i 'n dèidh gach speur a chuartachadh,
Air fhaicinn 'na mo dhùthaich fhèin
'S i moch ag èirigh suas oirre;
Criochnaichidh mi an-diugh mo sgeul -
'Se tìm a ghèill 'san uair seo dhomh -
'S ged gheibhinn dusan saoghal féidh,
Cha chuir mi 'n cèill gach buaidh a th' oirr'!

'S ann às a' Bhaile Shear an Uibhist a Tuath a bha Ùisdean MacMhathain, Ùisdean Sheumais Bhà in. Thug e iomadh bliadhna na gheamair, an toiseach ...
Fiosrachadh air Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) / Learn more about Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.