Âé¶¹Éç

Mu Choinneamh Cathair Dhè

Òran air a sgrìobhadh le: Charitie Bancroft agus air a sheinn le: Muriel Urchardan, Norrie MacÌomhair agus Sineag Nic an t-Saoir.

This is a song written by: Charitie Bancroft and sung by: Muriel Urchardan, Norrie MacÃŒomhair and Sineag Nic an t-Saoir.

Facail an Ã’°ù²¹¾±²Ô / Song Lyrics

Mu choinneamh cathair Dhè gu h-àrd
Tha agam Tagradair gun dìth,
Àrd-shagart mòr, don ainm Gràdh,
Tha 'n còmhnaidh tagradh dhomh gun sgìths.
Tha m' ainm sgrìobhte air A làmh,
Tha m' ainm sgrìobhte air A chrìdh',
Is fhad san Nèamh a nì E tàmh
Cha ghluais aon nì mi bho mo shìth,
Cha ghluais aon nì mi bho mo shìth.

Nuair thàlaidheas Sàtan mi gu bròn
Ag èigheachd rium mum chiont gu geur,
Seallam gu Crìosd, airson mo dheò,
Oir ghlan E m' easaontas gu lèir.
B' ann nuair - gun lochd - a fhuair E bàs
A shaoradh m' anam-sa gu bràth;
Is Dia, le Fhìreantachd an sàs
A' sealltainn Air, 's gam mhaitheadh-sa,
A' sealltainn Air, 's gam mhaitheadh-sa.

Faicibh an t-Uan, dhìr' bhon uaigh
'S e m' fhìreantachd, is m' fhoirfeachd.
Am fìor is mi gu sìorraidh buan
Rìgh glòir' is gràis is soillearachd.
Air m' aonadh Ris, chan fhaigh mi bàs
Le fhuil dham chòmhdachadh mar sgàil'
Tha mi air m' fhalach Leis gu h-àrd,
Le Crìosd, mo Dhia, thug dhomh mo shlàint',
Le Crìosd, mo Dhia, thug dhomh mo shlàint'.

Seinneadairean / Performers

Norrie MacÃŒomhair

Norrie MacÃŒomhair

'S ann à Càrlabhagh, Leòdhas a tha Norrie 'Tàgo' MacÌomhair. Nuair a bha e 15 chaidh e do Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a' Phloc, ...

Fiosrachadh air Norrie MacÃŒomhair / Learn more about Norrie MacÃŒomhair
Sineag Nic an t-Saoir

Sineag Nic an t-Saoir

Rugadh agus thogadh Sìneag Nic an t-Saoir ann an Cille Pheadair ann an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Sineag Nic an t-Saoir / Learn more about Sineag Nic an t-Saoir

Muriel Urchardan

Rugadh Muriel NicFhionghain ann a' Steòrnabhagh air 5 Samhain, 1972, nighean le Iain Frògaidh agus le Anna Spàigean. Tha aon phiuthar aice, Erica, agus aon ...

Fiosrachadh air Muriel Urchardan / Learn more about Muriel Urchardan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.