
Rugadh agus thogadh Sìneag Nic an t-Saoir ann an Cille Pheadair ann an Uibhist a Deas.
Nuair a bha i air Clas 6 ann an Sgoil Lionacleit rinn i CD leis an t-ainm Là ithean Sgoile, le òrain a dh'ionnsaich i fhad 's a bha i san sgoil. Mar a thuirt i fhèin, "Bha seinn riamh san dachaigh againn. B' à bhaist mo pheathraichean Sarah May agus Sandra a bhith seinn aig na Mòdan, is bhithinn ag èisteachd riutha nuair a bha iad ag ullachadh."
Ann an 2004 chaidh i gu Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Drà ma na h-Alba, an RSAMD, far an d' rinn i an cùrsa B.A. Ceòl Alba le Ã’°ù²¹¾±²Ô Ghà idhlig mar a prìomh chuspair.
A bharrachd air a bhith a' seinn thall sa bhos eadar Uibhist agus Ceap Breatainn, bidh Sìneag a' teagasg aig fèisean agus a' teagasg òrain Ghà idhlig san Sgoil Ghà idhlig an Glaschu.
Aig Mòd 2006 an Dùn Omhain, choisinn i am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs, agus, aig Mòd an Òbain 2009, choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.