Òran air a sgrìobhadh le: Iain Dòmhnallach, Lios Mòr agus air a sheinn le: dòmhnall mac a' phiocair, eilidh t. nicFhionghain, Gilbert MacPhà il agus Mairead NicLeòid.
This is a song written by: Iain Dòmhnallach, Lios Mòr and sung by: dòmhnall mac a' phiocair, eilidh t. nicFhionghain, Gilbert MacPhà il and Mairead NicLeòid.
O eilean mo rùin tha maiseach don t-sùil,
'S ann ann a chaidh m' à rach òg;
Bu bhòidheach do shnuadh air moch-mhadainn chiùin,
'N à m èirigh don driùchd sna neòil;
'S e nuallan a' chuain a dhùisgeadh mo smuain
Nuair bhithinn gam chlaoidh le bròn,
'S ged tha mi nis uait cho fada thar chuain
Cha tèid thu à m' chuimhne rim bheò.
Gum b' uallach mo cheum san ùr-mhadainn Chèit',
'S mi dìreadh an t-slèibh 's nan tòrr;
Bhiodh cuthag air crann sa ghleannan ud thall,
'S mac-talla ri aithris a beòil;
'S cho fad 's a tha muir-là n a' lìonadh 's a' trà ghadh
Bidh Nà dar a ghnà th mar as còir,
'S bu deurach mo shùil nuair thug mi mo chùl
Ri Muile nam fuar-bheann mòr.
O Mhuile nan craobh, gur cùbhraidh do raon
Le muran is fraoch nach gann -
Nan èireadh Clann Phà il gu ceannach is pà igh'dh
Bhiodh pà irceannan là n mar a bh' ann;
'S gur sgaoilteach an t-à l bha coibhneil is blà th
Ri caraid is nà mh san à m
'S tha comann mo rùin a' cnà mh anns an ùir
Sa chlachan tha naomh don clann.
O, b' Ã lainn leam riamh bhith coimhead 's a' ghrian
A' ciaradh san iar mar òr,
'S Caol Muile mo ghaoil fo dhubhar nan craobh,
'S na luingis a' sgaoileadh sheòl;
'S do mhonaidhean à rd le ceò air am bà rr,
'S na fèidh len cuid à il nan còir;
B' e dùrachd mo chrìdh' bhith tilleadh a-rìs
Do Mhuile nam fuar-bheann mòr.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha iomradh air Iain Dòmhnallach agus a chà irdean agus an cuid òrain anns an leabhar Lachann Dubh a' Chrògain a sgrìobh Maighread Dhòmhnallach Lobban (The New Iona Press, 2004).
Rugadh Gilbert MacPhà il ann am Bogha Mòr an Ìle ach thogadh e ann an taigh a sheanair am Baile a' Ghrà na. Cha robh facal Beurla ...
Fiosrachadh air Gilbert MacPhà il / Learn more about Gilbert MacPhà il
Rugadh Mairead NicLeòid ann an Dùn Èideann ged a bha a mà thair às an Àird anns a' Rubha agus a h-athar à Tolastadh a' Chaolais ...
Fiosrachadh air Mairead NicLeòid / Learn more about Mairead NicLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.