Rugadh Gilbert MacPhà il ann am Bogha Mòr an Ìle ach thogadh e ann an taigh a sheanair am Baile a' Ghrà na. Cha robh facal Beurla na cheann nuair a chaidh e dhan sgoil an Cille Mhèinidh. Bha maighstir-sgoile a bha a' teagasg Gà idhlig agus aig an robh eòlas air ceòl, fear Walter MacPhà idean, as an sgoil aig an à m sin agus thug e buaidh mhòr air Gilbert.
Mar a mhìnich Seonag NicLeòid, a choisinn am Bonn Òr aig Mòd Inbhir Nis ann an 1957, agus a bha eòlach air Gilbert, air prògram Gà idhlig a' BhBC air 29/01/1980:
"Thuig an duine gu robh sgoilear ceòlmhor aige ann an Gilbert agus cha do chaomhain e riamh ùine no a bhuadhan gus a bhith ga chuideachadh. Theireadh Gilbert fèin cho mòr 's a bha e an comain an duine seo airson na chompà irtich e ris dhe fhoghlam fhèin, an Gà idhlig agus ann an ceòl.
Cha robh uibhir a dhragh air a ghabhail san à m ud co-dhiù bhiodh eòlas aig clann air cèol no idir, idir air an cà nan fhèin, fhad 's a dh'ionnsaicheadh iad Beurla, leughadh is cunntas."
Ma bha Gilbert fortanach san sgoil bha e cuideachd fortanach a bhith an taigh a sheanair, far an d' ionnsaich e fìor dheagh Ghà idhlig Ìleach agus eachdraidh, beul-aithris agus òrain an eilein. Fhuair e cuideachd eòlas air sloinneadh nan teaghlaichean as a' choimhearsnachd. 'S iomadh turas, fad a bheatha, a thug e cuideachadh do shliochd nan Ìleach a chaidh a-null thairis, 's iad air tilleadh dhan eilean a' lorg an cà irdean.
Bha ceòl cuideachd na dhaoine agus chluicheadh e fhèin an fhidheall agus am pià na agus thug e greis a' cluiche an òrgain ann an Eaglais Chill Mhèinidh.
'S ann ag obair air oighreachdan an Ìle a bha Gilbert fad a bheatha. Cha do ghluais e à Baile a' Ghrà na riamh. Phòs e ban-sgoilear is rinn iad an dachaigh an sin agus cha robh cur-seachad a b' fheà rr leis na an ceòl agus an seanchas a bhiodh aige còmhla ri chà irdean.
Stèidhicheadh Mòd ionadail Ìle ann an 1924 agus seo far na thòisich e air feuchainn ann an co-fharpaisean an toiseach, a' seinn agus ag aithris bà rdachd cuideachd.
Thoisich e a' feuchainn aig a' Mhòd Nà iseanta goirid an dèidh sin agus fhuair e Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich as an Òban ann an 1934. Cha b' e a-mhà in gun do choisinn e am Bonn Òr sin, choisinn e Bonn Òr an Òbain is Latharna, agus co-dhiù ceithir duaisean eile.
B' e Mòd sònraichte a bha seo do mhuinntir Ìle oir chaidh Bonn Òr nam ban a dh'Ìle cuideachd, gu Mà iri NicNimhein. Bhiodh i fhèin agus Gilbert tric a' seinn còmhla thairis air na bliadhnaichean a lean.
Ach cha b' e dùine a bh' ann an Gilbert a bha measail air siubhal agus, aon uair agus gun sgaoil a chliù mar sheinneadair, bha an leisg a bha air carachadh à Ìle ga chumail air ais. Cha bu toigh leis idir, idir a dhol air plèana agus chùm sin e gun a dhol dhan na Stà itean Aonaichte, a dh'aindeoin 's gun d' fhuair e cuireadh ann.
Bhiodh e tighinn a Ghlaschu meadhanach tric agus a dh'à iteachan eile an Alba cuideachd. Bha fèill mhòr air aig consairtean ann an leithid an Glaschu, far na dh'èist Seonag NicLeòid ris, uair is uair:
"'S e duine bh' ann nach robh glè à rd ach bha e dèante, là idir na choltas. Bhiodh e daonnan air a chur suas cho grinn ri prìne òr, agus, nuair a sheinneadh e, dh'èisteadh an talla air fad. Cha robh dad a dh'fheum aige air na maicreafòn san treallaich eile air a bheil sinn cho eòlach an-diugh.
Ruigeadh an guth ud cùl an talla gun spà irn sam bith a chuir air fhèin. 'S e seinneadair air leth dùrachdach a bh' ann. Bha e soilleir gu leòr gu robh tuigse agus breithneachadh air cùl a ghuth.
Lean e riamh ri dhualchainnt fhèin, Ìleach dhe na h-Ìlich, le Gà idhlig mhath fhallain. Bu toigh leis òrain as an robh brìgh is bà rdachd mhath."
Bha ùidh aige Gilbert cuideachd ann an òrain ùra agus, caran mun à m a bha e aig à rd a chomais mar sheinneadair, bha na h-òrain aig Donnchadh MacIain, am bà rd Ìleach, a' nochdadh. Bha ùidh mhòr aig Donnchadh ann an eachdraidh mar a bha aig Gilbert agus, le sin, chan eil e na iongnadh gu robh e cho measail air òrain Dhonnchaidh, leithid Birlinn Ghoraidh Chròbhain agus Birlinn Cholla Chiotaich.
Nuair a dh'iarr e air Donnchadh òran Beurla a bha còrdadh math ris eadar-theangachadh dha, bha am bà rd ro dheònach sin a dhèanamh agus fhuair sinn 'An Crònan Sealtainneach'. Bha e measail air na h-òrain aig Mà iri Mhòr nan Òran cuideachd.
Cha do rinn Gilbert clà r ri reic riamh. Mar a thuirt Seonag NicLeòid, 's e a bh' ann: "Duine còir iriosal air an robh mòr mheas am measg Ghà idheil, 's gu h-à raidh am measg a dhaoine fhèin."
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.