Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: alasdair c. macGillìosa, alasdair macCoinnich, còisir ghà idhlig thung agus Pòl MacCalum.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: alasdair c. macGillìosa, alasdair macCoinnich, còisir ghà idhlig thung and Pòl MacCalum.
Nach gòrach mi gad chaoineadh 's nach caoineadh tu mi;
'S ro ghòrach thug mi gaol dhut 's gum faod thu bhith gam dhìth
Mas e lugh'd mo stòrais a dh'fhà g do dheòin gam dhìth
O 's fheudar dhomh bhith beò ged nach pòsadh tu mi.
Ged gheibhinn san Roinn Eòrpa 's na bheil de stòras innt'
Ged gheibhinn siud air m' òrdugh 's à ite còmhnaidh innt'
Ged dh'èighteadh am dhiùc mi 's ged chrùinteadh mi am rìgh
O b' fheà rr a bhith riut pòsta mur diùltadh tu mi.
'S i mo ghaol-s' an òg-bhean as bòidhche na cà ch;
Do chùl daithte 'n òrdugh mar neòinean a' fà s;
Mo ghaol-s a' mhaighdeann bhòidheach on tig an còmhradh blà th
Nan gealladh tu mo phòsadh bu bheò mi on bhà s.
Gur mise tha fo ghruaman 's nach gluais mi leam fhìn,
Mun gaol thug mi don ghruagaich 's gun duais dhomh da chinn;
Ma bheir fear eile bhuam thu, nach truagh a bhios mi;
O b' fheà rr a bhith san uaigh na thu, luaidh, bhith gam dhìth.
Rugadh Pòl MacCalum ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu ann an 1963. Thà inig e a dh'Uibhist ann an 1967 a dh'fhuireach air taobh a ...
Fiosrachadh air Pòl MacCalum / Learn more about Pòl MacCalumCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.