Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Iain MacLeòid agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu agus Seumas Greumach.
This is a song written by: An t-Urr. Iain MacLeòid and sung by: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu and Seumas Greumach.
Nam aonar le mo smaointean
'S a' ghaoth tighinn bho thuath,
Grian òr-bhuidh' mar ghrìosaich
Cur teine air chuan;
Na caoraich sholt cho sà mhach
Len à l sa chnoc mhòr,
Ciaradh feasgair cur a glòir
Air faileas dubh le òr.
Na sabhalan fàs gun mullach
Na taighean bha là n,
An-diugh cho fuar 's cho falamh
Am fearann dol bà n;
Gun chrann ann, gun speal ann
Gun lìon ann, gun bhà t',
Èigheach cogaidh a thug bhuainn
Na balaich thuit sa bhlà r.
Ma chlaoidh sinne nà mhaid
An-drà st' faic prìs buaidh,
Cridhe mà thar crà idhte
'S na gillean san uaigh;
Cha dèan cliù no onair
Treabhadh dhuinn no buain,
Cianail, falamh, sìth a' bhà is
Cha till na fir chaidh uainn.
Aig uaigh fhuar Mhic a' Phearsain
'S an sneachda air Peighinn Phùir,
Chluich a' phìob port thuiridh
Am peilear bhrag cruaidh;
An cogadh faoin nam Falklands
Thuit Gòrdan ro òg,
'N-uiridh, balach san sgoil à rd;
An-diugh, a bhàs ar leòn.
A' ghrian tha dol sìos oirnne
Air prèiridh cur blà iths,
Oidhche tha gar dùnadh
Dùsgadh do chà ch;
Aig feasgar dorch ar cùrsa
Feith' dùsgadh là mhòir,
Ciaradh maidne cur a glòir
Air faileas dubh le òr.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Chaidh 'Nam Aonar Le Mo Smuaintean' a sgrìobhadh mar chuimhneachan air Gòrdan Mac a' Phearsain, à Earra-Ghà idheal, a chaill a bheatha, aig aois fiched bliadhna, a' sabaid ann am Blà r Two Sisters Mountain anns na h-Eileanan Faclanach san Ògmhios, 1982.
Tha na h-Eileanan Faclanach, no Eileanan nan Caorach mar a chanadh cuid riutha, mu 300 mìle bho mòr-thìr Ameireaga a Deas. Fhuair Breatainn sealbh air na h-Eileanan ann an 1833, ach bha Argentina a' cumail a-mach gur ann acasan a bha còir orra, chionns gu robh iad air iad fhèin a shuidheachadh annta, ann an 1826.
Chaidh feachd le Argentina air tìr anns na h-Eileanan anns a' Ghiblein, 1982, ann an oidhirp an gabhail thairis. Às dèidh cogadh a mhair dà mhìos rinn feachdan Breatannach a' chùis orra agus thà inig air Argentina gèilleadh.
Chaidh Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gà idhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu
'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaigh as an robh ceòl agus òrain ...
Fiosrachadh air Seumas Greumach / Learn more about Seumas GreumachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.