Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: noel eadie agus Pòl MacCalum.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: noel eadie and Pòl MacCalum.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Nighean donn a' chuailein rìomhaich,
B' Ã lainn, uasal buaidh do shinnsir;
Nighean donn a' chuailein rìomhaich,
Ghrà dhaich mi do leannanachd.
'S ann a' fuireach thall sna cluaintean
Tha 'n nigh' bhà n a rinn mo bhuaireadh,
Mach o fhìor fhuil ghlain gun truailleadh,
Sìol nam buadh 's na lannaireachd.
An taigh-an-eas a thogadh òg thu
Fo sgà il taighe Taobh a' Chrònain,
Far am biodh na fèidh air lòintean,
'S lòin ri ceòl air mheangain dhut.
An à m don bharraich a bhith brùchdadh,
Bhiodh na smeòraichean a' dùsgadh
Air bhà rr gheugan a sheinn ciùil
'S a thogail cliù mo leannain-sa.
Basan mìne, caoine, tlà tha,
Meòir chaol, fhada dh'iomradh snà tha:
Cà ite am facas riamh thug bà rr ort
Tarraing snà thad tro anairtean.
Tha do chridhe mar an daoimean
Air latha grèine, 's e ri soillse;
'S e gun ghoimh, gun ghìomh, gun ghaoid ann:
'S mòr do loinn, 's chan ainneamh e.
Thug mi cion, 's chan fhaod mi à icheadh,
Do nighean duinn a' chuailein à lainn;
'S mòr gum b' fheà rr bhith suidhe là mh rith'
Na fìon Spainnt is caineal ann.
Rugadh Pòl MacCalum ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu ann an 1963. Thà inig e a dh'Uibhist ann an 1967 a dh'fhuireach air taobh a ...
Fiosrachadh air Pòl MacCalum / Learn more about Pòl MacCalumCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.