Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacGillìosa agus air a sheinn le: Calum Ros, donnchadh macGilp agus pà draig mac a' ghobhainn (Pà draig a' Choisich).
This is a song written by: Calum MacGillìosa and sung by: Calum Ros, donnchadh macGilp and pà draig mac a' ghobhainn (Pà draig a' Choisich).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
E ho rò, mo nighean donn,
E ho hù mo nighean donn,
E ho rò mo nighean donn a' chùil rèidh,
Rìbhinn òg a bha leam,
Raoir a' còmhradh rium ciùin,
Tha mo chridhe 'n-diugh trom às do dhèidh.
'S e do chòmhradh, a rùin,
Cainnt as ceòlmhoire leam
Na guth smeòraich an dlùth choill nan craobh;
No bog thorman nan allt
Tighinn o à irigh nan gleann
'S mi sa mhoch mhadainn shamhraidh rin thaobh.
Tha do nà dar, a luaidh,
Coibhneil, cà irdeil, gun ghruaim,
Gur e d' à illeachd thug buaidh air gach tè;
Dh'èireadh m' aigne le sunnd
Nuair a choinnicheadh tu rium
'S chuirinn fà ilt' air nighean donn a' chùil rèidh.
Gur e guirme do shùil
Leam nan dealt air an driùchd
Nuair a dhearcas tu, rùin, orm gu caomh;
Gu bheil maise mar nòin
Chuireadh sgaoileadh air bròn
Ann ad chruth, 's b' e mo dheòin bhith rid thaobh.
Tha gnùis à lainn gun ghruaim
Tha gun ailgheas, lann stuaim,
'S pearsa dhìreach, dheas, uallach am falbh,
Air am bòidhche thug gùn
Anns an fhasan as ùir'
Aig an rìbhinn as cùirteile dealbh.
Tha do chà irdeas glee dhlùth
Ris na h-à illeagain ùr
Bhiodh 's na blà ir feadh nan dùthchannan thall;
'S tric a bhuannaich iad cùis
Ann am fà bhar a' Phrionns'
'S cha bhiodh onair an dùthcha air chall.
Nuair a chìt' iad air sliabh
Bu ro-bhòidheach an triall,
'S gum bu shuaicheantas riamh dhaibh 's gach à m
Long is leomhann is craobh
'S an là mh-dhearg air an taobh
Bradan tà rragheal is fraoch glas nam beann.
Nam biodh beairteas dhomh buan
Rachainn sgrìob thar a' chuain,
Don Roinn Eòrp' leat, a luaidh nan deagh bheus;
'S ann an dùthaich nan sonn
Bhiodh daoin' uaisle le fonn
A' cur fà ilt' air nighean donn a' chùil rèidh.
'S math thig fà inneachan òir
Air na meòir sin as bòidhch'
'S a bhios tric ann an seòmar ri gleus;
Tha do ghruaidh mar an ròs
Chan eil uaill ann ad nòs
'S gur leat seusar gach seòl agus beus.
'S iomadh cliù th' air do ghnà ths
A nighean donn na sùil bhlà th,
Tha do shnuadh ann an à illead mar ghrèin;
Mar an flùran a' fà s
Ann an gleann 's am biodh blà ths
No mar Bhenus an à irde nan speur.
Gur e coibhneas do chainnt
A chuir bruaillean am cheann,
Chan eil fuasgladh ach gann dhomh fon ghrèin;
Chan eil lèigh do mo chrà dh
Air an t-saoghal seo mhà in,
Mo nighean donn nan sùl blà th, ach thu fhèin.

Rugadh Calum Ros aig Kildonan Drive ann am Partaig ann an Glaschu air 21 Faoilleach 1934. B' e Calum Dhòmhnaill na Banrigh, à Flòdaigearraidh san ...
Fiosrachadh air Calum Ros / Learn more about Calum RosCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.