
Rugadh Calum Ros aig Kildonan Drive ann am Partaig ann an Glaschu air 21 Faoilleach 1934. B' e Calum Dhòmhnaill na Banrigh, à Flòdaigearraidh san Eilean Sgitheanach, athair, agus b' i Peigi Chaluim Stiùbhart à Ùige, a mhà thair. Tha aon phiuthar aige, Cairistìona, a tha a' fuireach ann an Cille Bhrìghde an Ear.
Chaidh Calum do Sgoil Thornwood airson ùine ghoirid ach nuair a thòisich an cogadh chaidh e do Bhun-sgoil Ùige agus thug e trì bliadhna innte. Thill e air ais gu Sgoil Thornwood an uair sin agus chaidh e gu Àrd-sgoil Hyndland an dèidh sin.
Suas gu 1954 bha e anns an arm, anns an Royal Army Educational Corps, airson Seirbheis Nà iseanta, stèidhichte airson pà irt dhen ùine ann an Longniddry, taobh a-muigh Dhùn Èideann, agus ann a' Singapore.
An dèidh sin chaidh e a dh'obair do dh'Urras Chluaidh anns an oifis a bh' aca anns an Stòr Ghrà in, ann am Partaig.
Bha e an sin airson faisg air còig bliadhna mus deach e do dh'Oilthigh Ghlaschu, far an do cheumnaich e le M.A.. Chaidh e gu Colaiste Chnoc Iòrdain an uair sin airson trèanadh mar neach-teagaisg.
Thòisich e a' teagasg ann an Sgoil Cranhill agus, an dèidh greis ann an Àrd-sgoil Hillhead, thill e gu Cranhill mar iar-cheannard. Bha e na cheannard airson an dà bhliadhna mu dheireadh mus do dhùin an sgoil. Gus an do leig a dheth a dhreuchd ann an 1998 bha e ann an Àrd-sgoil Bannerman.
Bha guth seinn a' ruith anns an teaghlach. Bha athair a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais Shaor Duke Street an Glaschu. Bhiodh Eardsaidh agus Eachann, brà ithrean athair a' seinn agus bha brà thair a mhà thar, Aonghas, a' cluich na pìoba.
Thòisich Calum fhèin a' cluiche na pìoba nuair a bha e mu dhusan bliadhna a dh'aois agus bha e a' faighinn teagaisg bho Phà draig MacLeòid, pìobaire a sgrìobh puirt ainmeil a bhuineadh do dh'Ùige Leòdhais. Bha Pà draig a' fuireach air Exeter Drive, an ath shrà id ri dachaigh Calum. Nuair a thà inig e a-mach às an arm bha Calum ann an Còmhlan Phìobairean an T.A. agus cuideachd ann an Còmhlan Phìobairean Chlann MhicRath.
Chaidh Calum na bhall de Chòisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn mu mheadhan nan trì ficheadan. Cha robh e air seinn ann an Gà idhlig ron sin agus gu dearbha nuair a chaidh iarraidh air seinn aig cèilidh aon oidhche 's e The Green Hills of Islay a ghabh e. An dèidh sin, fhuair e cuireadh chun a' Knightswood Cèilidh agus 's ann an uair sin a thòisich e a' cruinneachadh agus ag ionnsachadh òrain Ghà idhlig.
An dèidh cuid de dhuaisean eile a chosnadh na bu trà ithe, fhuair Calum Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an 1968, aig Mòd Dhùn Omhain, agus am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Pheairt, ann an 1980.
Phòs Calum agus Iseabail NicFhearchair à Earra-Ghà idheal ann an 1977, agus tha triùir chloinne aca, dithis nighean agus aon ghille. Bidh Iain a' cluich giotà r mar chur-seachad dha fhèin agus bidh Fiona a' seinn aig Mòdan agus tha i ann an Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn mar a tha a pà rantan. Rinn Catrìona ceum ann an seinn agus dannsa ann an Lunnainn.
Tha Calum dà latha san t-seachdain a' teagaisg Gà idhlig, agus uaireannan òrain, ann an Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Drà ma na h-Alba an Glaschu. Tha e fhathast na bhall de Chòisir Bhaile Ghobhainn agus tha e a' faighinn a-mach chun an raon golf, co-dhiù aon uair san t-seachdain.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.