Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Seonaidh Williams.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Seonaidh Williams.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
A-nochd 's trom tha mo cheum
Is snigh' air mo ghruaidh fhéin
A-nochd 's trom tha mo cheum.
Gu bheil mise fo mhulad
'S mi air m' uilinn 'n Gleann Cuaicheadh.
Tha 'ad nan sìneadh 's na cà rnan
'S luchd mo ghrà idh a chumadh suas sinn.
Bha m' athair ann 's mo mhà thair
'S Raghnall à rd a' chùil dualaich.
'S gu bheil mise fo mhulad
Siud an gaol a rinn mo bhuaireadh.
Beannachd Dhia bhith dhan anam
Rìgh nan Aingeal gam buaireadh.
Chan eil fà th dhomh bhith gan ionndrainn
Chaidh an ùir air an duathar.
Gur h-iomadh piuthar tha gun bhrà thair
'S gu bheil i crà iteach air uairean.
'S gur tric a thug 'ad dhomh preasant
'S 'ad nan seasamh ri m' ghualainn.
Chan eil mise ga à icheadh
Siod an dulag nach gluaiseadh.
'S ann à Crìochan Brà igh na h-Aibhne an Siorrachd Inbhir Nis an Eilean Cheap Breatainn a bha Seonaidh Williams, Seonaidh Aonghais Bhig. Bha e aithnichte ...
Fiosrachadh air Seonaidh Williams / Learn more about Seonaidh WilliamsÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.