Òran air a sgrìobhadh le: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: Ailean MacIllEathain, Alma Kerr, cairistìona nicDhùghaill, Carol Nic a' Bhreatannaich, Ceana Chaimbeul, Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain, dùbhghlas macCoinnich, Ina NicDhiarmaid, rona nic a' phiocair agus Seòras Clavey.
This is a song written by: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) and sung by: Ailean MacIllEathain, Alma Kerr, cairistìona nicDhùghaill, Carol Nic a' Bhreatannaich, Ceana Chaimbeul, Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain, dùbhghlas macCoinnich, Ina NicDhiarmaid, rona nic a' phiocair and Seòras Clavey.
Moch 's mi 'g èirigh air bheagan èislein,
Air madainn Chèitein 's mi ann an Òs,
Bha sprèidh a' geumnaich an ceann a chèile,
'S a' ghrian ag èirigh air Leac an Stòrr;
Bha gath a' boillsgeadh air slios nam beanntan,
Cur tuar na h-oidhche na dheann fo sgòd,
Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Toirt na mo chuimhne le bròn is aoibhneas,
Nach fhaigh mi cainnt gus a chur air dòigh,
Gach car is tionndadh an corp 's an inntinn,
Bhon dh'fhà g mi 'n gleann 'n robh sinn gun ghò;
Bha sruth na h-aibhne dol sìos cho tà imhidh,
Is toirm nan allt freagairt cainnt mo bheòil,
'S an smeòrach bhinn suidhe seinn air meanglan,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Nuair bha mi gòrach a' siubhal mòintich,
'S am fraoch a' sròiceadh mo chòta bà n,
Feadh thoman còinnich gun snà thainn a bhrògan,
'S an eigh na còsan air lochan tà imh;
A' falbh an aonaich ag iarraidh chaorach,
'S mi cheart cho aotrom ri naosg air lòn,
Gach bot is poll agus talamh toll,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Toirt na mo chuimhn' iomadh nì a rinn mi
Nach faigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòil,
A' falbh sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean
Gun solas lainnteir ach ceann an fhòid;
Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa,
Ach dh'fhalbh an t-à m sin 's tha 'n gleann fo bhròn;
Bha 'n tobht aig Anndra 's e là n de fheanntaig,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan,
Far 'n robh mi suaimhneach a' cuallach bhò,
Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach,
De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò,
Na raoin 's na cluaintean fo fhraoch is luachair,
Far 'n tric na bhuaineadh leam sguab is dlò,
'S nam faicinn sluagh agus taighean suas annt'
Gum fà sainn suaimhneach mar bha mi òg.
An uair a dhìrich mi gual an t-Sìthein,
Gun leig mi sgìos dhìom air bruaich an lòin;
Bha buadhan m' inntinn a' triall le sìnteig,
Is sùil mo chinn faicinn loinn gach pòir;
Bha 'n t-sòbhrach mhìn-bhuidh' 's am beà rnan-brìde,
An cluaran rìoghail, is lus an òir,
'S gach bileag aoibhneach fo bhraon na h-oidhche,
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Nuair chuir mi cùl ris an eilean chùbhraidh,
'S a ghabh mi iùbhrach na smùid gun seòl,
Nuair shèid i 'n dùdach 's a shìn an ùspairt,
'S a thog i cùrsa o Thìr a' Cheò;
Mo chridhe brùite 's na deòir lem shùilean,
A' falbh gu dùthaich gun sùrd, gun cheòl,
Far nach fhaic mi cluaran no neòinean guanach,
No fraoch no luachair air bruaich no lòn.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha fiosrachadh mu Mhà iri agus a bà rdachd ri fhaotainn san leabhar Mà iri Mhòr nan Òran, deasaichte le Dòmhnall Eachann Meek (Comann Litreachas Gà idhlig an h-Alba, 1998)

Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...
Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' Bhreatannaich
Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am ...
Fiosrachadh air Ceana Chaimbeul / Learn more about Ceana Chaimbeul
Bha Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gà idhlig ma ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain
'S e Ailean a' Mhiseanaraidh a chanadh iad ri Ailean MacIllEathain (1890-1982) ann a' Siabost, am baile anns do dh'fhàs e suas. Ach cha b' ...
Fiosrachadh air Ailean MacIllEathain / Learn more about Ailean MacIllEathain
'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus cà irdean a mà thar do ...
Fiosrachadh air Alma Kerr / Learn more about Alma KerrRugadh Ina NicDhiarmaid ann am Port Ghlaschu air 25 Cèitean, 1923. B' e Niall MacDiarmaid, a bhuineadh do Bhaile Phiocair, mu dhà mhìle tuath air ...
Fiosrachadh air Ina NicDhiarmaid / Learn more about Ina NicDhiarmaidRugadh Seòras Clavey (1928-2003) ann an Dùn Èideann agus ghabh e ùidh ann an Gà idhlig nuair a bha e na bhall de Chòisir Ghà idhlig Phort ...
Fiosrachadh air Seòras Clavey / Learn more about Seòras ClaveyCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.