Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ceitidh Magaidh Mhoireasdan, dena nicÌomhair agus Jenna Chuimeanach.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ceitidh Magaidh Mhoireasdan, dena nicÃŒomhair and Jenna Chuimeanach.
Fuaim an uisge, fuaim na gaoithe,
Fuaim a' ghèile tha mi cluinntinn
'S eagal orm 's tu na do chuibhleir
Gun toir mac a' Ghoill do char as'd.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
O gur mise tha gu brònach,
Cluinntinn fuaim na gaoithe mòire,
'S eagal orm-sa 's gun thu eòlach
Gun toir gaoth nan seòl a-mach thu.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
O gur mise th' air mo leònadh
Mach is dhachaigh às a' mhòine
Faicinn là raichean do bhrògan,
'S nach dèan an tuil mhòr am falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
O gur mise th' air mo lèireadh,
A ghrà idh an cuala tu fhèin e?
Thuirt iad rium-sa gun d' rinn m' eudail
M' fhuath'chadh is tèile leantainn.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
Saoilidh fear ma bhios tè à lainn
Nach eil cà il aig' ach a tà rsainn
Ach 's ann tha i ri glùin a mà thar,
'S tòrr de fà illigeadh air falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
'S iomadh oidhche ged bhiodh am bùrn ann
Ruigeadh tu mi ghrà idh nad chrùban;
'S ged bhiodh m' athair air a ghlùinean
Dheigheadh tu dhan a' chùil air falach.
O cò thogas dhìom an fhadachd?
'S e mo cheist an fhìnealt à lainn,
'N t-aodann as an robh an deà rrsadh;
Dhèanadh cùl do chinn dhomh sgà than
Nuair a ghrà idh a bha thu agam.
O cò thogas dhìom an fhadachd?

'S ann à Inbhir Nis a tha Jenna Chuimeanach o thùs. 'S i an seinneadair Criosaidh Nic a' Phiocair a mà thair agus tha piuthar nas ...
Fiosrachadh air Jenna Chuimeanach / Learn more about Jenna Chuimeanach
Chithear Ceitidh Magaidh na suidhe air an taobh chlì dhen ...
Fiosrachadh air Ceitidh Magaidh Mhoireasdan / Learn more about Ceitidh Magaidh MhoireasdanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.