
'S ann à Inbhir Nis a tha Jenna Chuimeanach o thùs. 'S i an seinneadair Criosaidh Nic a' Phiocair a mà thair agus tha piuthar nas sine aice, Karen.
Chaidh i gu Bun-sgoil a' Mheadhain agus Acadamaidh Allt na Muilne ann an Inbhir Nis far an d' fhuair i, "deagh oideachadh bho ghrunn Hearaich a bha gam theagasg anns an sgoil!"
Ann an 2002, chaidh i sìos a' Ghlaschu far an do rinn i dà bhliadhna ann an Colaiste Chnoc Iòrdain, ag ionnsachadh teagasg bun-sgoile, ach cha do chuir i crìoch air a' chùrsa. Ann an 2007, cheumnaich i bho Oilthigh Ghlaschu le ceum ann an Eòlas na h-Alba.
An aon bhliadhna, an dèidh ceumnachadh fhuair i obair là n-ùine ag Fèisean nan Gà idheal, a' cumail taic ri na fèisean anns na h-Eileanan an Iar, obair a tha i a' dèanamh fhathast.
B' ann ann an 1994 a ghabh Jenna pà irt anns a' Mhòd Nà iseanta airson a' chiad uair. Bha seo ann an Dùn Omhain agus bhuannaich i a' chiad duais. Bhuannaich i am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs anns an Leargaidh Ghallda ann an 2002, Bonn Òr a' Chomunn Ghà idhealaich ann an 2003 san Òban, agus Bonn Tìm an Òbain ann an 2004 ann am Peairt.
Tha Jenna air pà irt a' ghabhail ann an iomadh prògram telebhisean agus rèidio, nam measg Aig Cridhe ar Ciùil, Ceòl Country, Fonn mo Bheatha agus Sruth na Maoile, a chaidh a chlà radh ann an Èirinn.
Ann an 2003 choisinn i an dà rna duais do dh'Alba aig an Fhèis Cheilteach an Èirinn agus thug i a mach CD, Kintulavig, ann an 2006.
Phòs Jenna agus Uilleam Moireasdan air 30 Giblean, 2010, agus tha iad an-drà sta a' cur crìoch air taigh ùr a thogail ann an Scalpaigh na Hearadh.
"'S toil leam a bhith a' fuireach ann an Scalpaigh", tha Jenna ag rà dh, "On a bha mi nam nighean bheag, bha mi airson a bhith a' fuireach anns na Hearadh!"
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.