Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus air a sheinn le: còisir à rd-sgoil an òbain.
This is a song written by: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair and sung by: còisir à rd-sgoil an òbain.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
O hì-ri-ri, tha e tighinn,
O hì-ri-ri, 'n Rìgh tha uainn,
Gheibheamaid ar n-airm 's ar n-èideadh
'S breacan-an-fhèilidh an cuaich.
'S èibhinn leam fhìn, tha e tighinn,
Mac an Rìgh dhlighich tha uainn,
Slios mòr rìoghail don tig armachd,
Claidheamh is targaid nan dual.
'S ann a' tighinn thar an t-sà ile
Tha 'm fear à rd as à ille snuadh,
Marcaich' sunndach deas nan steud-each
Rachadh gu h-aotrom san ruaig.
Samhail an Fhaoillich a choltas,
Fuaradh froise 's fadadh-cruaidh;
Lann thana na là imh gu cosgairt
Sgoltadh chorp mar choirc' air cluain.
Torman do phìoba 's do bhrataich
Chuireadh spiorad bras san t-sluagh,
Dh'èireadh ar n-à rdan is ar n-aigne,
'S churte air a' phrasgan ruaig.
TÃ irneanach a' bhomb 's a' chanain
Sgoilteadh e 'n talamh le chruas,
Fhreagradh dha gach beinn 's gach bealach,
'S bhodhradh mac-talla ar cluas.
Gur mairg don èideadh san latha sin
Còta grà nd' den mhà dar ruadh,
Ad bhileach dhubh is cocà rd innt'
Sgoiltear i mar chà l mun cluais.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.