'S e Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair bà rd cho ainmeil agus a bha anns an ochdamh linn deug. Bha e cà irdeach do theaghlach Chloinn Raghnaill agus Dòmhnallaich nan Eilean. B' e e fhèin agus Fionnghal NicDhòmhnaill, a chuidich am Prionnsa Teà rlach, clann an dithis bhrà ithrean. Sgrìobh e dà in de dh'iomadh seòrsa, air ²Ôà »å²¹°ù, air gaol, air boireannaich, air ar-a-mach is poilitigs, aoirean is drabastachd, agus b' e a sgrìobh a' chiad dà n mòr, no epic ann an Gà idhlig. Tha òrain leis air an seinn fhathast.
Rugadh e eadar 1690 agus 1700 ann an Dail Eildhe, am Mùideart. Bha athair na mhinistear agus na dheagh sgoilear a rèir coltais, agus b' esan a theagasg Alasdair òg.
Chaidh Alasdair do dh'Oilthigh Ghlaschu agus ged a tha e coltach gu robh e na sgoilear math cha do chrìochnaich e a chùrsa. Phòs e Sìne Dhòmhnallach à Gleann Èite.
Mu 1729 bha e a' teagasg ann an tè de na sgoiltean a bha aig a' Chomann airson Adhartachadh Eòlas Crìosdail ann an Alba, an S.S.P.C.K. (Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge) ann an Eilean Fhìonain, agus bha e na cheisteir dhan bhuidheann sin cuideachd.
Chaidh e à sin a Chill Chomhghain ann an 1738, agus an ath bhliadhna a Choire Mhuilinn far an do sgrìobh e an t-òran Allt an t-Siùcar. Sin far an robh e ann an 1741 nuair a chuir e an clò faclair Gà idhlig, a' chiad leabhar ùr Gà idhlig a chaidh fhoillseachadh.
Anns a' bhliadhna 1745 leig Alasdair seachad teagasg, agus chaidh e an sàs ann an ar-a-mach nan Seumasach. Bha e ann an arm a' Phrionnsa bhon là a chaidh a' bhratach a thogail an Gleann Fhionghuin gus an d' thà inig crìoch air an t-strì. Bha e air fhastadh airson Gà idhlig a theagasg dhan Phrionnsa Teà rlach ri linn 's cho fileanta 's a bha e fhèin innte, 's cho sgileil 's a bha e air a cleachdadh. An dèidh Blà r Chùil Lodair, bha e fhèin agus a bhean nam fògarraich.
Nuair a shocraich cùisean an dèidh Bliadhna Theà rlaich, fhuair Alasdair baile fearainn air an robh an t-ainm Eigneig air Oighreachd Chlann Raghnaill, agus an 1751 rinneadh e na bhà illidh air Eilean Chanaigh. B' e seo cuideachd a' bhliadhna a chuir e a-mach a' chiad chlò-bhualadh de a bhà rdachd anns an leabhar Ais-eirigh na Sean Chà nain Albannaich.
B' e Seumasach gu chùl a bh' ann an Alasdair agus ann an iomadh dà n tha e a' nochdadh a' ghrà in a bh' aige air an Riaghaltas. Ged nach deach e fhèin a chuir an grèim, chaidh an à ireamh nach robh air an reic den leabhar aige an cuir an grèim agus an losgadh le fear-crochaidh baile Dhùn Èideann ann an 1752. Chan eil ach mu dhusan leth-bhreac air lorg an-diugh.
An dèidh seo bha e a' fuireach greisean an Gleann Ùig, an Cnòideart, am Mòrair agus an Àrasaig. Bhiodh e a' dol cuairtean a dh'Uibhist a Deas far an robh a bhrà thair, Lachlainn, na fhear-taca.
Chaochail Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair mun bhliadhna 1770 agus chaidh a thiodhlacadh an Cladh Chille Mhuire an Àrasaig.
Air air là rach-lìn Âé¶¹Éç ALBA lorgar na facail seo mu dheidhinn: "B' e sà r-eòlaiche air bà rdachd nan Gà idheal a bh' ann, ach thug litreachas clasaigeach agus bà rdachd à s a' Ghalltachd is à Sasainn buaidh air obair cuideachd. Cha robh e idir air a chuingealachadh leis an aon stoidhle, cuspair no cruth, agus 's e sin a tha ga chomharrachadh mar shà r bhà rd."
Tuilleadh Fiosrachaidh
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Selected Poems air a dheasachadh le Ruaraidh MacThòmais, air fhoillseachadh le Scottish Academic Press (1996).
Mac Mhaighstir Alasdair, The Ardnamurchan Years le Raghnall MacIlleDhuibh, air fhoillseachadh le The Society of West Highland and Island Historical Research (1986).
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.