Òran air a sgrìobhadh le: Ùghdar Laideann agus air a sheinn le: Amy NicAmhlaigh.
This is a song written by: Ùghdar Laideann and sung by: Amy NicAmhlaigh.
O thig a-nuas, a Spioraid Naoimh
A shealltainn amannan do ghaoil,
Is lion ar crìdh' led ghrà san caomh
A Chruthadair a' chinne-dhaonnd'.
'S Tu ar Cofhurtair 's gach cà s
'S Tu gibht ro naomh an Dè as à ird';
'S Tu 'm fuaran beò, an tein', an grà dh,
Is ungadh spioradail an à igh.
Tha do thiodhlacan seachd-fillt',
Meur deas-là mh Dhè Thu, Thriath gach nì;
'S Tu gealladh 'n Athar naoimh le cinnt;
Bhuatsa thig deas' labhairt cinn.
O las led sholas ar ceud-fà ith,
Is taom a-nuas nar crìdh' do ghrà dh
Cum ri ar nà dar lag do là mh
Is thoir dhuinn neart, is feart, is cà il.
Ar nà imhdean fuadaich fada bhuainn
Is builich oirnn do shìth gu buan;
Bi nad iùil dhuinn fad ar cuairt
'S gu seachain sinn gach beud is truaigh'.
Deònaich dhuinne eòlas fìor
Air an Athair is air Crìosd;
Is annad fhèin tha bhuap' nad Dhia
Creideamaid a-nis 's gu sìor.
Glòir gu robh gu sìor, gun tà mh,
Don Athair is do Mhac a ghrà idh
A rinn an aiseirigh bhon bhà s
Is dhuts', a Chofhurtair nan grà s.
Rugadh Amy NicAmhlaigh ann an Glaschu air 28 Giblean, 1966. Bha an teaghlach a' fuireach air Old Dumbarton Road nuair a bha a h-athair aig ...
Fiosrachadh air Amy NicAmhlaigh / Learn more about Amy NicAmhlaighCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.