Rugadh Amy NicAmhlaigh ann an Glaschu air 28 Giblean, 1966. Bha an teaghlach a' fuireach air Old Dumbarton Road nuair a bha a h-athair aig muir. B' esan Aonghas Mac Aonghais à Gleann Dail an Uibhist a Deas agus bhuinneadh a chuideachd do dh'Èirisgeigh, 'S ann à Èirisgeigh a tha mà thair Amy, Mà iri Sarah NicAonghais, cuideachd.
Tha sianar san teaghlach, triùir nighean agus triùir ghillean, agus 's i Amy as sine. Tha iad sgapte thall sa bhos, ach chan eil duine aca a' fuireach ann an Uibhist.
Chaidh Amy do Sgoil Dhalabroig, Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil, ann a' Steòrnabhagh, far an do rinn i teisteanas ann an rianachd. An dèidh sin bha i a' frithealadh ann an taighean-òsta airson greis gus an d' fhuair i obair mar rùnaire aig A' Chomunn Gà idhealach ann an Steòrnabhagh.
An uair sin chaidh i gu Telebhisean Ghrampian, a-rithist a' dèanamh obair rianachd. Tha i air a bhith ag obair aig Studio Alba bho 1999, an sàs ann an obair rianachd airson TeleG agus a' dèanamh fo-thiotalan airson companaidhean telebhisean Gà idhlig.
Bha seanmhair Amy, air taobh a mà thair, na seinneadair. Tha guth seinn aig a mà thair, ged is ann aig cruinneachaidhean teaghlaich a-mhà in is trice a chluinnear i.
Phòs Amy agus Iain MacAmhlaigh à Lacasdal, Leòdhas, ann an 1990 agus 's ann ann a' Lacasdal a tha an dachaigh aca. Tha Iain an sàs ann an obair ionmhais ann a' Steòrnabhagh.
'S toigh le Amy a bhith a' seinn na h-aonar agus mar phà irt de bhuidheann cà raid, buidheann cheathrar agus ann an còisir. Tha i a' faighinn tlachd shònraichte cuideachd à bhith a' seinn na h-aonar anns an eaglais.
Tha i na ball de Chòisir Lacasdail agus tha i cuideachd a' toirt taic do cloinn is aithne dhith a tha airson seinn. Tha i na neach-cathrach air comataidh Mòd Ionadail Leòdhais agus air Fèis nan Còisir. Tha i na h-iar neach-gairm air Comataidh Mòd nan Eilean Siar, 2011, agus Còisir Lacasdail.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.