Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) agus air a sheinn le: innis macLeoid.
This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) and sung by: innis macLeoid.
Oidhche dhomh 's mi suirghe
'S mi na mo bhalachan òg
Thuirt iad rium gun lorgainn i
Fo shà il nam beanntan mòr
Chaithris mis' an oidhche sin
Is roinn den mhadainn òg
'S nuair chaidh mi dh'iarraidh rùm oirre
'S ann thog a' mhaighdinn sròin.
Is beag tha fhios aig pà isdean
Cho sà thraichte 's a tha 'n gaol
Dheidhinn chun na h-Ã iridh
Air sgà th 's gu faicinn i
Is shiùbhlainn troimh na fà saichean
'S chan fhairichinn nà dar sgìths
Nan 's nan tugadh tu car là imhe dhomh
Gu faigheadh m' inntinn saors'.
A rìbhinn a bheil cuimhn agad
Do choibhneas bho chionn rà ith
An oidhche chaidh mi shealltainn ort
An dùil gum faighinn à it
Le briseadh cridhe mheall thu mi
'S toil inntinn dha mo chrà idh
'S tu 'n-diugh mar shneachd a' gheamhraidh dhomh
Air mullach beanntan à rd.
Ach innsidh mis' an t-seòrsa dhuibh
A chòrdadh ri mo chà il
Caileag laghadh, bhòidheach
À Leòdhas nam beann à rd
Tè gun uaill gun mòr-chùis
A shuidheadh stòlt' ri cà rn
A bhruisigeadh mo bhrògan dhomh
'S a bhleòghnadh bò air blà r.
Sguiribh dha ar gòraich
's bi sibh tòrr nas fheà rr
Dèanamh airson pòsadh
Fhad 's bhios ar pòcaid là n
Ma chì sibh caileag bhòidheach
À Leòdhas nam beann à rd
Thoir tairgse 's airgead pòsaidh dhith
'S bi còmhla rithe gu brà th.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.