Òran air a sgrìobhadh le: Anndra Noble agus air a sheinn le: Alasdair MacLeòid.
This is a song written by: Anndra Noble and sung by: Alasdair MacLeòid.
Chaidh mi do na Hearadh mar nach b' aireach leam air chuairt
'S ann aig à m nan òrduighean 's bu mhòr a bh' ann de shluagh;
B' e siud an comann sòlasach nach b' eòl dhomh san taobh tuath
Coitheanal cho stòlda bhon a thòisich cuid Diluain.
Bha MacCoinnich is a' Stiùbhartach, an dùil ri dhol an cuan,
Thuirt Coinneach, "Thèid mi mach leibh, bhon tha gheat agam cho luath."
Chaidh sinne sìos a Sgalpaigh gus an t-aiseag fhaighinn bhuaith,
'S bha Hilda air an acair, as an acarsaid a Tuath.
'S nuair chaidh sinn uil' air bòrd innte 's a chaidh cuid sheòl chur suas,
Bha 'n caiptean fhèin gu mòralach ri cuir nan òrdan bhuaith';
Gu sgiobalta gach seòladair bha am-measg nan ròpan shuas
'S cò nach fhaiceadh bòidheach i nuair thog i sròin ri cuan.
'S ged a bha i pailt a bhallaiste bha 'n canabhas air rèir
Nuair dh'fheuchadh air a daraich i 's a sparradh i gu feum;
Bu shunndach dlùthmhor Alasdair 's na balaich innt' gu lèir
Am measg nan ròp 's gan teannachadh le barantas nach trèig.
'S b'e siud a' soitheach astarach gu marcachd nan tonn à rd
Nuair leig sinn i gu fuaradh 's ann ri gualainn a bha ghà ir;
Bha Coinneach air a' stiùir aice 's cha b' ann gun tùr a bha
'S e fhèin nach caomhnadh srann oirr' ach an crann e dh'fhuireach slà n.
A dol a-mach air Hamarsaidh 's i acfhainneach air ghleus,
Chanainn-sa gum fà gadh i 'n Dunara às a dèidh;
'S i siud an tè nach fà illigeadh 's nach sà raicht' anns an rèis,
'S a bheatadh ged bhitheadh gailleann ann gun mhaille dhol na ceum.
Nuair thainig i on iar dheas oirnn‚ bu mhiann leam bhi air tìr,
Bha 'n t-uisge ris a' bheul aice, bha a cliathaich os a cinn;
Bha ise smùideadh thairis mar a ghearradh i na tuinn,
Ach 's ann bha 'n gnothaich fà bharach nach d'fhà g i mise tinn.
'S nam b' urrainn dhomh cha chaomhnainn e a cliù a thogail suas
Nuair ghiùlain i na h-Urramaich bha dol air thurus cuain;
Cha tilleadh i, cha diùltadh i, cha tionndaidheadh i mun cuairt,
Gun cuireadh i 'n Loch Ùige sinn, cho sunndach is a fhuair.
Rugadh Alasdair MacLeòid ann an Sgalpaigh anns an t-Sultain 1934, an seachdamh duine anns an teaghlach aig Coinneach Iain agus aig Maighread ...
Fiosrachadh air Alasdair MacLeòid / Learn more about Alasdair MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.