Rugadh Alasdair MacLeòid ann an Scalpaigh anns an t-Sultain 1934, an seachdamh duine anns an teaghlach aig Coinneach Iain agus aig Maighread Flòraidh.
Chaidh e do sgoil Scalpaigh, agus às dèidh an sgoil fhà gail chaidh e dh'ionnsachadh ceà ird einnseanaireachd dealain aig Ferranti ann an Dùn Èideann. Bha e an sin gus an deach a thogail do Fheachd an Adhair ann an 1957, 's chuir e seachad dà bhliadhna leotha sin ann an Sasainn.
Thill e a Dhùn Èideann, ach chaidh e air ais a Scalpaigh ann an 1959, far an robh e ga chosnadh a' cur a-steach agus a' cà radh innealan dealain.
Bha Iain, a bhrà thair, air eathar iasgaich a cheannach ron sin, agus chaidh Alasdair innte còmhla ris ann an 1961. Bha airgead ri fhaighinn an uair sin, eadar iasaid agus tabhartais, o Bhòrd Leasachaidh na Gà idhealtachd airson bà taichean na bu mhotha, agus dh'fheumte ionnsachadh agus deuchainn a ghabhail os là imh gus tiogaid sgiobair fhaighinn. Fhuair Alasdair sin ann an 1965.
Fhuair iad bà ta ùr air an tug iad An Rìbhinn Donn agus an ceann ùine cheannaich iad tè eile. Thà inig daoine dhachaigh à tìr-mòr aig an à m sin, le teaghlaichean òga, 's abair gu robh an t-eilean soirbheachail.
Chaidh obair an iasgaich bhuaithe mean air mhean, agus reiceadh an dà rna Rìbhinn Donn ann an 1989.
Phòs Alasdair Angusina NicSuain ann an 1971, agus tha còignear chloinne aca. Nuair a sguir e a dh'iasgach chaidh e air ais gu a sheann cheà ird, ach fhuair e obair aig Gaelic Seafoods a' sgiobaireachd tè dhe na bà taichean aca, an sàs ann an giollachd bhradan. 'S e Stolt Sea Farms a bh' orra nuair a ghabh Marine Harvest thairis iad ann an 2005, agus a sguir iad a ghiollachd an èisg anns an fhactaraidh ann an Scalpaigh. Leig Alasdair dheth an obair an uair sin.
Bu toigh leis riamh a bhith seinn, gu h-à raidh òrain a bhuineadh do Scalpaigh, agus òrain gaoil a bhiodh e cluinntinn aig a mhà thair. Tha ùidh mhòr aige ann an seinn nan Salm cuideachd, ged nach bi e dèanamh sin gu h-oifigeil.
Tha sinn gu mòr an comain Mhòraig NicLeòid, piuthar Alasdair, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.