Òran air a sgrìobhadh le: Niall Moireasdan (Bà rd Phabaigh) agus air a sheinn le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shà im) agus gillian nicChoinnich.
This is a song written by: Niall Moireasdan (Bà rd Phabaigh) and sung by: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shà im) and gillian nicChoinnich.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
H-ìthill uthaill agus o-hò
H-ìthill o-hò hòireannan;
H-ìthill uthaill agus o-hò
H-ìthill o-hò hòireannan;
H-ìthill uthaill agus o-hò
H-ìthill o-hò hòireannan;
H-ìthill u h-ullaill ò
Gheòbhradh bho ho h-ith-il-an.
Gur h-e mis' tha fo mhulad
Tha leann-dubh air mo shà rachadh
Ann an Eilean Dubh Phabaigh
'S beag a th'agam-s' a dh'Ã bhachd dheth;
Nuair a bhios mi gun mhòine
A' tional òtraich nam bà ghannan
Gur h-i feamainn na ceilpe
Bhitheas a' goil a' bhuntà ta dhomh.
Geamhradh fad' air bheag cuideachd
'S e thug buileach droch shnuadh orm,
M' à ite còmhnaidh 's mo thuineach
Dlùth air tulach nan uaghannan;
Nuair a chiaras am feasgar
Bidh an t-eagal gam chuairteachadh,
Chan fhalbh mis' gun mo bhata
'S car na m' amhaich mum buailear mi.
Mu nì 'n cuilean dubh dranndan
Their a' chlann rium an cuala tu?
Their a bhean le guth fann rium
Las an lamp o 's e fuath a th' ann.
Bheir mis' an sin grad leum
As a' chathair gu bruailleanach,
M' fheòil air chrith air mo chnà mhan,
Leigeil "Pharaoh" ga fhuadach bhuainn.
'S thèid an doras a chrannadh
Le barantas dùnaidh air,
Clach eòrna fir Liongaidh
Chur gu h-ìosal ri lùdagan;
Sparrar iarann is maidean
Ghabhadh seachnadh ri chùlaibh-san
'S gus an tèid i na bòrdaibh
Cha tig bòcain ar n-ionnsaidh-ne.
Gu bheil Teampuill an t-sagairt
Air an starsnaich 's cùis uamhais e
Le chrois Phà panaich fhèin
Chuireadh geimh air na fuamhairean;
Air a' bhinneag na seasamh
O nach leig sibh gu luath dhuinn i!
'S nach i bh' aig Seònaid Nic Phà ice
Gu dèanamh fà isneachd nan gruagaichean.
'S ann timcheall ormsa tha 'n gà rradh
Cha tig beà irn air 's gun leumainn i
Cha tuit clach gu là bhrà th dheth
'S daingeann là idir an stèidheadh e,
'S gad bhiodh cabhlach na BÃ nrighinn
'S iad gu h-à rd-cheannach brèid-ghealach
'S fheudar stad air a chùlaibh
Tillidh smùid Druim na Bèist iad.
Eilean lomarra fuaraidh
Eilean gruamach gun tioraileachd
Eilean leth-oireach truagh e
Nuair thig fuachd is droch shiantan ann;
Chì thu 'n fhairge na gleanntan
Tighinn mar bheanntannan iargalta
'S bidh mi suathadh mo chluasan
Mam buail e air fiar chugam.
'S mi nach iarradh an sealladh
A bhi 'g amharc nan cìosanaich
Staigh bho Hà isgeir nan ròn
A-mach bho shròn Rubha Grìminis
'G èisdeachd fuaim Garrai Grà nda
Nall o Bhà laigh cha bhinn leam e
'S gob Rubha Ròsagaidh 'm Pabaigh
Far nach stadadh an drìleachan.
Chuireadh roimhe Ban-Leòdach
Air fògradh dhan à ite seo,
Rinn i luinneag is crònan
Chuir air dòigh ann am bà rdachd dhuinn;
Bhiodh i 'g gearan a cluasan
Iomadh uair 's cha bu nà ir' dhith e
'G èisdeachd gà irich a' chuain
Bha cho cruaidh ris na tà irneanaich.
Tha e soilleir ri dhearbhadh
Gun do mharbhadh na ciadan ann
Le gaoth thioram a' Mhà irt
Bheireadh an à ird bho an t-siabann iad;
Is chan iarrainn mar cheà ird
Bhi gan à ireamh air lìonmhorachd
Gum bu chianail am fà gail
Tighinn am bà rr gun an tiodhlaiceadh.
Thoir an t-soraidh uam thairis
Gu talamh nam frìtheannan
Far an cinneadh a' mhaigheach
'S na daimh chabrach nam mìlteanan;
Eilid chaol nan cas fada
Ann an gleannan na sìth-bhruthain
Far am faodadh an sealgair
³§±èò°ù²õ an anmoich bhi cinnteach dha.
'S am bradan seang far an fhìor uisg
Bhios a' dìreadh gu luath-chleasach
Ann an linneachaibh lùbach
Ghlinne chùbhraidh nam fuaranan;
B' fhearas-chuideachd do dh'inntinn
A bhi strì aig na bruachannan
Slat is streang aig a' fulang
Gus an tugadh e' n uachdar air.

Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Shomhairle Ruairidh Dhòmhnaill Eòghainn, neo Dòmhnall Shà im, mar as eòlaiche daoine air, ann am Mà nais ann am Bà igh na Hearadh, air ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shà im) / Learn more about Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shà im)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.