Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacNeacail (An Sgiobair) agus air a sheinn le: Iain MacNeacail (An Sgiobair).
This is a song written by: Iain MacNeacail (An Sgiobair) and sung by: Iain MacNeacail (An Sgiobair).
Anns a' mhadainn 's mi ag èirigh
'S neo-èibhinn a tha mi,
Cha b' ionnan 's mar a b'Ã bhaist domh
Nuair bha mi sa Ghleann.
Bhon a thà inig mi 'n taobh-sa
'S beag m' shunnd ri ceòl-gà ire;
Tha eilean nan à rd-bheann
Gach là tighinn nam shùim.
Gur ann gòrach a bha mi
Nuair a smaoinich mi fhà gail
Gur ann ann gheibhinn bà idh agus dòigh.
Cead laigh' agus èirigh
Gun chùram fon ghrèin dhomh;
Cha robh fà illinn na èis air mo lòn.
'S mi 'n Coir Odhar nam fiadh bheann
Dh'fhà g m' aigne cho cianail.
Chan eil iongnadh gad liathainn le bròn;
Gun nì air gach là mh dhìom
Ach coilltean is fà sach
Is monaidhean à rda fo cheò.
Tha mi faotainn gach riasladh,
Le droch shìd' agus siantan,
Mach air frìthean nam fiadh,
Mi gun dìon na gun sgà il.
Mi sgìth air mo chasan,
Ri cuibhleadh a' bhara,
Gu saoil mi le fadal,
Gur seachdain gach là .
'N Ã m tighinn dachaigh san fheasgar,
Bidh e drùidhte trom chraiceann,
Mo bhiadh cha bhi deasaicht'
Ged is beag dha mo chà il.
An fhà rdach bidh falamh
Gun cheò far an teallaich,
Cha b' ionnan sna gleannaibh
Far na chleachd mi bhith tà mh.
Ach nuair a thig deireadh bliadhna
Gur ann luath nì mi triall à s
Air long-adhair na sgiathan,
Nach till siantan a' Mhà rt.
Gu seòl mi leath' thairis,
Thar chuain is thar bheannaibh;
Gun gabh mi gach aithghearr
Go eilean mo ghrà idh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mu bheatha an Sgiobair agus a bhà rdachd anns an leabhar Hebridean Song-maker: Iain MacNeacail of the Isle of Skye le Tòmas A. McKean. Chaidh fhoillseachadh le Polygon an Dùn Èideann ann an 1997 agus tha CD de dh'Iain a' gabhail òrain an cois an leabhair.
Tha iomradh air a bheatha cuideachd anns an leabhar Voice of the Bard le Tim Neat a chaidh fhoillseachadh le Canongate an Dùn Èideann ann an 1999.

Rugadh Iain MacNeacail, An Sgiobair mar a b' fheà rr a dh'aithnichear e, air 30 Dà mhair, 1903, ann an Siadar san Eilean Sgitheanach. Bha ochdnar chloinne ...
Fiosrachadh air Iain MacNeacail (An Sgiobair) / Learn more about Iain MacNeacail (An Sgiobair)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.