Òran air a sgrìobhadh le: Mìcheal Mac a' Phearsain agus air a sheinn le: Mìcheal Mac a' Phearsain.
This is a song written by: Mìcheal Mac a' Phearsain and sung by: Mìcheal Mac a' Phearsain.
'S bochd an naidheachd a fhuair sinn
'S a ghluais mi gu dà n,
Dòmhnall Phà draig, mo thruaighe,
Thugadh bhuainn e le bà s.
Cò aige bha dùil ris
'S tu cho sunndach 's cho slà n;
Cha robh sinn a' smaointinn
Gum biodh do shaoghal cho geà rr.
Dh'fhà g thu bean agus pà istean
'S iad a' rà naich 's a' caoidh,
'S goirt a' bhuill' ann a fhuair iad
'S a bhuail ann an cridh';
Cha tog fidheall no òran
Am bròn rinn an clì,
'S ged a bhiodh iad measg òigridh
Bidh gach sòlas gan dìth.
Chì sinn trà ghadh is lìonadh
Chì sinn ealtainn is sprèidh;
Chì sinn gealach is grian
'S reultan a' lìonadh nan speur.
Ach chan fhaic sinn gu sìorraidh
Coiseachd feur ann thu fhèin;
Ach guidheam fois leat, a Chrìosdaidh,
'S beannachd Dhia ann leat fhèin.
'S math tha fios aig gach nà baidh
Gu bheil sà r-dhuin' gan dìth;
'S tu bha riatanach san à ite
'S a b' fheà irrd' sinn bhith leinn.
Ach dhe sin, cha sheall bàs dha
Coingeis dhà san cò thu
Bho leanabh bheag tha air mhà gail
Gu ruig à rd-rìgh air crùn.
O, gur duilich, gur duilich,
Gur duilich seo leinn,
An-diugh bhith gad chà radh
An t-Hà llan san ùir;
Sinn a' faicinn do phà istean
'S bean do ghrà idh 's iad ri caoidh
'S bidh thu 'n cuimhne gu brà th dhaibh
'S an cridhe là n dhut de ghaol.
'S bha thu 'd dhuine bha fialaidh
Is rianail ri cà ch;
Chan fhaca sinn riamh thu
Gun fhiamh ort le gà ir'.
Bha thu carthannach fuasgailt'
Measg an t-sluaigh anns gach à it'
Gus an tà inig an fhuar-bhuill'
Thug bhuainn thu le bà s.
'S nam bitheadh tu aost'
Cha bhiodh a' ghaoir seo cho geà rrt'
Ach am meadhan do shòlais
'S tu led òigridh a' fà s.
Ruith an snaoim a bha cruaidh ann
'S dh'fhalbh na duail às an tà th,
Anns an t-sà cramaid uasal
Nach gabh fuasgladh gun bhà s.
'S gura tìm dhomh co-dhùnadh
'S a bhith dùnadh an dà in
Bhon tha t' uaigh-sa nist dùinte
'S nach eil dùil riut gu brà th.
Gu faic sinn do ghnùis-sa
Ann an dùthaich do ghrà idh,
Ach bidh sinn uile gad ionndrainn
Leis a' chiùird bha thu 'n sà s.

Rugadh Mìcheal Mac a' Phearsain, Mìcheal Ruadh Alasdair Bhig, air Taobh a' Chaolais an Uibhist a Deas air 26 An Giblean 1910. 'S ann à Barraigh a ...
Fiosrachadh air Mìcheal Mac a' Phearsain / Learn more about Mìcheal Mac a' PhearsainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.