
Rugadh Mìcheal Mac a' Phearsain, Mìcheal Ruadh Alasdair Bhig, air Taobh a' Chaolais an Uibhist a Deas air 26 Giblean, 1910. 'S ann à Barraigh a bha athair agus bha a mhà thar à Èirisgeigh.
An dèidh Sgoil Ghearraidh na Mònadh fhà gail, chaidh Mìcheal a dh'iasgach agus an uair sin gu muir aig à m a' chogaidh. Phòs e Mà iri Anna NicGillEathain, Mà iri Anna Sheonaidh Aonghais, ann an 1935 agus bha triùir chloinne aca - Seonaidh a tha an-diugh a' fuireach ann an Canada, Iain Alasdair a chaidh a bhà thadh aig muir agus Nan nach maireann.
Bha Mìcheal daonnan dèidheil air a bhith ag innse sgeulachdan agus is tric a dh'innis e mar a theab e fhèin a bhith air a bhà thadh nuair a bhuail torpedo anns a' bhà ta air an robh e aig à m a' chogaidh.
Nuair a thill e air ais a dh'Uibhist às dèidh a' chogaidh, chaidh e air ais gu croitearachd agus iasgaich.
Bhiodh e cuideachd ag obair air rathaidean as an sgìre, agus rud sam bith a bha tachairt san sgìre, bhiodh e a' dèanamh dhà in mu dheidhinn, rudan muladach aig amannan, ach cuideachd òrain aighearach a' tarraing à daoine agus às fhèin cuideachd.
Chithear sin bho na cuspairean a ghluais e gu bà rdachd - coileach a' dol air chall, caraidean a' dol gu ruige "Na Barras" ann an Glaschu airson fà inne gealladh-pòsaidh fhaighinn, e-fhèin agus taigh-sheinnse Pholl a' Charra, call na sgòth, am Mà iri Dhonn, 's i tilleadh à Malaig, bàs gille òg ann an tubaist le cà r, teaghlach a chailleadh nuair a sgrios teine an dachaigh aca.
Cha b' urrainn do Mhìcheal Gà idhlig a sgrìobhadh, 's le sin bha e an urra ri daoine eile a bhith a' sgrìobhadh nan òrain aige no dhan clà radh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.