Òran air a sgrìobhadh le: Eòghainn MacNeacail (Eòghainn Fìdhleir) agus air a sheinn le: Mà iri Anna NicUalraig.
This is a song written by: Eòghainn MacNeacail (Eòghainn Fìdhleir) and sung by: Mà iri Anna NicUalraig.
'S daor a cheannaich mi 'n Tòiseachd
'S chan e na dh'òl mi den bhraiche,
Cha b' e cutter an Ã’bain
Na bha 'n Steòrnabhagh a ghlac thu,
Ach a' mhuir a fhuair còir ort
Mar a dh'òrdaich am facal
Chan iongnadh mise bhith brònach
Nach deach am fòd a chuir glas ort.
Moch sa mhadainn 's mi dùsgadh
Gura tùrsach tha m' aigne;
Tha mo chraobh an deis lùbadh
Chaill mi 'n fhiùran 's an gasan;
Chaill mi m' aighear 's mo shòlas
Chaill mi spòrs mo dhibhearsain,
'S o nach faic mi gu brà th e
'S e 'm fear bà n thug an fhras orm.
Bu tu 'm fìdhleir 's tu 'n dannsair
'S bu mhòr do gheall air na cairtean;
Cas a' ghearradh na leum thu
LÃ mh bu treun air a' chloich thu;
Cluiche bhuill cha bu cheà rr thu
'S bu luath là idir air faich' thu
Is cha ghath saiream ga rà dhtainn
'S gura cà ch bha gad fhaicinn.
Dol a chlachan Didòmhnaich
Gum bu bhòidheach do shealladh;
Lèine reibhleas 's an òrdugh
Agus còta chlò breac ort,
Briogais ghrinn chòrdoroi
Mar sin is brògan bha snasail
Siud an naidheachd a leòn mi
Nach tig an t-òigfhear ud dhachaigh.
'S cha robh thu ri eucoir
Ri streupa na ri carachd;
Chan fhacas fear air a leum thu
Air fèill no aig baile;
'S bha thu foghainteach reusant'
A rèir fhad 's a dh'fhan thu,
Ach cha chluinn mi nochd d' èigheachd
'S tu fo bheuc ghil na maradh.
Bu leatsa beannachd do chà irdean
Moch is trà th na do leabaidh,
'S cha do chuir thu oirnn nà ire
'S cha mhotha dh'fhà g thu ac' masladh;
Cha robh siud na do nà dar
'S ann a bha thu ro mhacant'
'S gheibhte sgeula na b' fheà rr ort
Nam biodh dà il ort na b' fhaide.
Thig a-nist agus èist rium
'S gheibh thu 'n sgeul ud an ceartuair;
Bheir mi comhairle Dhè dhut
A tha leughadh an t-soisgeil.
Bha Rìgh Daibhidh na èiginn,
'S a mhac fhèin a' cur crois air
Ach ged bha, bha e deurach
'S e ri eucoir le lapan.

Rugadh agus thogadh Mà iri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a mà thair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...
Fiosrachadh air Mà iri Anna NicUalraig / Learn more about Mà iri Anna NicUalraigCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.