Òran air a sgrìobhadh le: Ruairidh Mac Mhuirich (An Clà rsair Dall) agus air a sheinn le: Alma Kerr, coinneach wilson, còisir ghà idhlig bhaile a' chaolais, Kathleen NicDhòmhnaill, Seumas C. M. Caimbeul, tormod macFhionghain agus Ùisdean MacRath.
This is a song written by: Ruairidh Mac Mhuirich (An Clà rsair Dall) and sung by: Alma Kerr, coinneach wilson, còisir ghà idhlig bhaile a' chaolais, Kathleen NicDhòmhnaill, Seumas C. M. Caimbeul, tormod macFhionghain and Ùisdean MacRath.
Mias a mhulaid tha 'm thadhal
dh'fhà g treaghaid am chliabh co goirt,
on a rinneas air m' adhart
ad dheaghaidh an triall gun toirt;
tha mise ort an tòir,
is mi mios gu robh còir agam ort,
a mhic athar mo ghrà idh,
is tu m' aighear, 's tu m' Ã gh, 's tu m' olc.
Chaidh a' chuibhle mun cuairt,
ghrad thionndaidh gu fuachd am blà ths:
gum faca mi uair
Dùn rà tha nan cuach 'seo thrà igh,
far 'm biodh tathaich nan duan,
iomadh mathas gun chruas, gun chà s:
dh'fhalbh an latha sin uainn,
's tha na taighean gu fuaraidh fà s.
Tha Mac-alla fo ghruaim
anns an talla 'm biodh fuaim a' cheòil
'n ionad tathaich nan cliar,
gun aighear, gun mhiadh, gun phòit,
gun mhire, gun mhùirn,
gun iomartas dlùth nan còrn,
gun chuirm, gun phailteas ri dà imh,
gun mhacnas, gun mhà nran beòil.
Chaidh Mac-all' às an Dùn
an à m sgarachdainn duinn ri 'r triath,
's ann a thachair e rium
air seacharan bheann is shliabh;
labhair esan air thùs:
"Rèir mo bheachd-sa gur tu mas fìor,
an seo chunnaigheas air mhùirn,
Roimh 'n uiridh, an Dùn nan cliar."
"A Mhic-talla nan tùr,
's e mo bharail gur tu 'n sea bha
ann an talla nam fiann,
ri aithris air gnìomh mo là mh."
"Ta mi 'm barail gur mi,
's gum bu deacair dhomh bhith 'm thà mh,
'g èisteachd brosluim gach ceòil
ann am fochar MhicLeòid an à igh."
"Is mi Mac-alla bha uair
'g èisteachd faram nan duan gu tiugh,
far am bu mhùirneach am beus
an à m dùbhradh don ghrèin san t-sruth;
far am b' fhoirmeil na seòid,
iad gu h-òrganach, ceòlmhor cluth:
ge nach fhaicte mo ghnùis
chluinnte aca san Dùn mo ghuth.
An à m èirigh gu moch
ann an teaghlach gun sproc, gun ghruaim,
chluinnte gleadhraich nan dos,
's an cèil' air a cois on t-suain:
an trà th ghabhadh i là n,
is i chuireadh os à ird na fhuair
le meòir chionalta ghnìomhach,
dhrithleannach dhìonach luath.
Bhiodh an rianadair fèin
cur a dh'fhiachaibh gur h-e bhiodh ann,
's e 'g èirigh nam measg
's an èighe gu tric na cheann;
cha bu truagh leinn an glaodh
nuair a thuairgneadh e i gu teann,
cur a thagradh an cruas
le h-aideachadh luath is mall.
An trà th chùirte na tà mh i
le furtachd na fà rdaich fèin,
dhomh-sa b' fhurast' a rà dh
gum bu chuireideach gà ire nan teud,
le h-iomairt dhà -là mh
cur am binnis do chà ch an cèill:
Rìgh, bu shiùbhlach rim chluais
an lùthadh le luasgan mheur.
"Anns an fheasgar na dhèidh
an à m teasdadh don ghrèin trà th-nòn,
fir a' cnapraich mun chlà r
is cath air a ghnà th chur leoth';
dà chomhairleach gheà rr
gun labhairt, ge b' à rd an glòir,
's a Rìgh, bu tìtheach an guin
do dhaoine gun fhuil, gun fheòil.
"Gheibhte fleasgaich gun ghrà in,
cuir ri macnas gun sgrà th, gun fhuath
is mnà i fhionna 'n fhuilt rèidh
cur an grinnis an cèill le stuaim;
an dèidh ceilearadh beòil
dannsa oileanach òrdail suas,
le fear-bogha nan còir
chumail modha ri pòr an cluas.
A Mhic-alla 'n seo bha
anns a' bhaile 'n do thà r mi m' iùl,
's ann a-nis dhuinn as lèir
gu bheil mise 's tu fèin air chùl.
Rèir do chomais air sgeul,
on 's fear-comainn mi fèin is tu,
'n robh do mhuinntireas buan
ris an droing d' am bu dual an Dùn?
"Bho linn nan linntean a bha mi
Mar aonduine tà mh sa chùirt
's theireadh iomadh MacLeòid
nach b' uireasbhaidh eòlais duinn;
ach na fhasadh gun fheum
chan fhaca mi fèin bho thùs
ri fad mo chuimhne-sa riamh
gun taighteir, gun triath an Dùn.
Ach on rà inig thu aois
tha ri rà itinn gur baoth do ghlòir:
chan e fasadh a th' ann,
ged a tha e san à m gun lòd;
air taighteir 's beag fheum
is òg-thighearna fèin na lorg,
's e ri fhaotainn gun fheall
cur ri baoith ann an ceann luchd chleòc.
Ach tillidh mise gu d'chainnt,
On a b'fhiosrach mi anns gach sìon:
Gur tric a chunnacas gill òg
Bhith gun uireasbhaidh stòir no nì;
's gum biodh a bheachd aige fhèin
'n uair a cheann'cheadh e feudail saor,
A dh'aindeoin caithinnich dha
nach b' eagal da là mh nam maor.
Ach cha b' ionann a bha
do na fir sin 's a tha Mhac Leòid:
ann an sonas 's an sìth,
gun uireasbhaidh nì no lòin;
ann an daor chùirt nan Gall,
ged tha thoil fuireach ann ri bheò-
tighearn' Eilg is Chlà r Sgìth,
cha b'eagal da dìobhail stòir.
Ach 's ionann sin 's mar a bha,
's soilleir chithear a bhlà th air bhuil:
bho nach lèir dhaibh an call,
miad an dèidh air cùirt Ghall cha sguir,
gus an togar don Fhraing,
a dhol ann an geall na chuir;
siod an niosgaid a' fà s
air an iosgaid 's a crà dh na bun.
Thèid seachd trusail air dhà il
air each crudhach as gà irmhor srann;
diallaid là sdail fon tòin;
's mòr gum b'fheà irrd' e srian òir na cheann.
Fichead ginidh, 's beag fhiach,
gun tèid siud a chur sìos an geall;
cha tèid peighinn dha 'm feum,
's bonn cha ghlèidhear dha 'n dèis a chall.
An uair a thig e bhon rèis
thèid e dh'iomairt ri bèist air glac,
's mur tig là mh 'sam bi feum,
gun caill e an leum gu grad;
mas iad dìsnean a mhiann,
bheir e thairis h-aon-diag mu seach,
's ged a chailleadh còig ciad,
fire faire, 's beag fhiach am mairt.
Còig ginidhean òir -
gun tèid siud ann an còrd d' an aid;
uiread eil' oirre fèin -
faire, faire, 's math feum gu spaid;
's a' ghrabhata nach saor -
gur punnd Sasannach i gun stad,
air a chunntadh air clà r
dh' an ionntas gun dà il am fad.
Thèid luach mairt no nas mò
'm paidhir stocainn den t-seòrsa 's feà rr,
is cha chunntar an còrr,
ducatùn air dà bhròig bhuinn à rd;
clachan criostail 's math snuadh
ann am bucaill mun cuairt gun smà l;
siod na gartain a suas
air dà thastan 's an luach 'nam bà rr.
Thig e mach às a' bhùth
leis an fhasan as ùr bhon Fhraing,
's an t-aodach gasda bha 'n dè
ma phearsa le spèis nach gann
thèid a shadadh an cùil -
"Is dona 'm fasan, chan fhiù e plang.
Air mà l baile no dhÃ
glac am peana 's cuir là mh ri bann."
Cha bhi 'm pèids' ann am meas
mur bi eudach am fasan chà ich;
ged chosd e ginidh an t-slat -
gheibhear siod air son mart sa mhà l;
uiread eile ri chois,
gun tèid siod ann an casag dhà ,
's briogais bheilibheid mhìn
gu bhith gabhail mu ghaoith a mhà is.
Cha bhi 'm pèids' ann am prìs
's e gun snà ithe dha dhìth ach cleòc;
giort a' chlaidheimh cha b'fhiach,
's bu chùis athais ceann iarainn dò:
crios dealbhach on bhùth,
bogh' chinn airgid is biùgail òir-
's fheudar faighinn sin dà :
's thig air m' fhearann-sa mà l nas mò.
An uair a thilleas e rìs
a dh' amharc a thìre fèin,
'n dèis na mìltean chur suas,
gun tig sgrìob air an tuath mu sprèidh,
gus an togar na mairt
'n dèidh an ciùradh 's an reic air fèill:
siud na fiachan ag at,
gus am fiarach ri mhac 'na dhèidh.
Thèid Uilleam Mà rtainn a-mach
glè strà iceil air each 's e triall-
is co à rd e na bheachd
ris an à rmann a chleachd bhith fial;
cha ghlacar leis crann,
cas-chaibe na là imh cha b'fhiach,
's e cho spaideil ri diùc,
ged bha athair ri bùrach riamh.
Thoir teachdaireachd uam
le deatam gu Ruaidhri òg,
agus innis da fèin
cuid d'a chunnart giodh e Mac Leòid;
biodh e 'g amharc 'na dhèidh
air an Iain a dh'eug 's nach beò:
gum bu shaidhbhir a chliù,
is chan fhà gadh e 'n Dùn gun cheòl.
A Mhic-alla 'n seo bha
anns a' bhaile 'n robh grà dh nan cliar
an triath tighearnail theann
is an cridhe gun fheall na chliabh -
ghabh e tlachd dha thìr fèin,
's cha do chleachd e Dùn-Èideann riamh;
dh'fhà g e 'm bannach gun bheà rn
's b'fheà rr gun aithriseadh cà ch a chiall.
Rugadh Ùisdean MacRath ann an Caileabost san Eilean Sgitheanach. Bha a mhà thair à Cill Mo Luthaig agus, mar a dh'innis e-fhèin air prògram Gà idhlig a' ...
Fiosrachadh air Ùisdean MacRath / Learn more about Ùisdean MacRath
'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus cà irdean a mà thar do ...
Fiosrachadh air Alma Kerr / Learn more about Alma Kerr
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thà inig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897–1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, à Gleann Canaich ...
Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. CaimbeulCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.