Rugadh Ruairidh Mac Mhurich, An Clà rsair Dall, ann am Brà gar, Leòdhas mu 1646. Bha e de shliochd a' Bhritheimh. Fhad 's a bha e san sgoil an Inbhir Nis ghabh e a' bhreac, tinneas a dh'fhà g e dall. B' ann ri linn seo 's dòcha a thòisich e ri 'g ionnsachadh na clà rsaich gu proifeiseanta agus chuir e crìoch air a thrèanadh ann an Èirinn.
Nuair a thill e a dh'Alba bha e an lùib còmhlan fhèistearan a bhiodh a' siubhal na dùthcha gus na thachair e an Dun Èideann ri Iain Breac MacLeòid, ceann-cinnidh nan Lèodach. Thug MacLeòid dha tuathanas air an robh Clagan, mu thrì mìle tuath air Dùn Bheagain, 's dòcha mar phà igheadh airson a bhith na chlà rsair as a' Chaisteal. Bha Pà draig Òg MacCruimein na phìobaire ann mun aon à m.
Mu, no ro 1688, thà inig sgaradh eadar Iain Breac agus Ruairidh agus chaidh an clà rsair a dh'fhuireach an Tobhta Mòr an Gleann Eilge. Bha e an sin gu mu 1700, nuair a thòisich e a' siubhal na dùthcha uair eile, a' dol bho thaigh mòr gu caisteal, a' seinn agus a' cluich dha na h-uaislean.
Chaochail Iain Breac sa bhliadhna 1693 agus 's ann ag aoireadh agus a' gearain mun oighre, Ruairidh, a tha An Clà rsair Dall anns an t-òran Òran do Mhacleòid Dhùn Bheagain, a tha ann an riochd còmhradh eadar am bà rd agus mac-talla. Tha e a' toirt dealbh air an dòigh-beatha a bh' ann an Caisteal Dhùn Bheagain "Dùn rà tha nan cuach" nuair a bha e fo riaghladh Iain Breac, agus mar a tha e fo riaghladh Ruairidh:
gun mhire, gun mhùirn,
gun iomartas dlùth nan còrn,
gun chuirm, gun phailteas ri dà imh,
gun mhacnas gun mhà nran beòil.
Faisg air deireadh a bheatha tha e coltach gun do thill An Clà rsair Dall dhan Eilean Sgitheanach agus nuair a dh'eug e mu 1713, b' ann an sin a chaidh a thiodhlacadh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.