Òran air a sgrìobhadh le: Calum 'Ruadh' MacNeacail agus air a sheinn le: Calum 'Ruadh' MacNeacail.
This is a song written by: Calum 'Ruadh' MacNeacail and sung by: Calum 'Ruadh' MacNeacail.
M' à ite còmhnaidh an Creagan,
Àite deasachadh m' òran
Dha gach nì bhios mun cuairt domh
'S tric fo ghruaim is gun dòigh mi,
Thig an còmhnaidh air m' inntinn
Liuthad rann agus gòraich
Is car searbh chuir a' chuibhle
Dh'fhà g e m' inntinn-sa brònach.
Cha b' e siud a bha 'n dà n domh
Anns an à ite seo còmhnaidh,
Ach gum bithinn mar tha mi,
Ged nach bà rd mi, ri òran;
'S e Dùghall Caimbeul air chuairt
Fuireach shuas anns an Ã’lach,
Thuirt e, "Chaluim, dèan rann
Dhan a' Chuilthionn 's a mòrachd."
Bha 'n gnothach ro dhoirbh leam
O gu dearbh bha siud dhòmhsa.
Nach do shreap mi iad riamh,
'S ciamar dhèanainn dhaibh òran;
Dha gach sgurr agus frìth
Tha 'n-diugh sgriobht' ann an clò ac',
A bhios cuimhn' aig gach linn
Air na rainn rinn Macleòid dhaibh.
Ach thà inig fir uasal
Air chuairt a bha eòlach,
Coinneach Mac Dhonnchaidh,
Fearchar Mac an Tòisich,
Sgoilearan ainmeil
À Ealghol na seòid ud;
Dh'innis iad dhòmhsa gach ainm bh' ann,
'S rinn mac-meanmhainn an còrr.
O nach taitneach ga innse
Chuile nì ann an òrdugh,
Sgurr nan Gillean ga dìreadh,
Bruach na Frìtheadh le bòidhchead,
Sgurr 'ac Coinnich, Sgurr Dearg
Far na mharbhadh ann mòran,
Faicinn sealladh air Blà th-bheinn
Coimhead Ghlà maig 's a mòrachd.
Dol troimh Choire na Creicheadh
Far robh 'n cath aig Clann Dòmhnaill
Agus Leòdaich Dhun-Bheagain,
Fir nach teicheadh nam b' bheò iad,
Blà r na Cailliche Cama,
'S e a bh'ann 's rinn an dòrtadh
Air an fhuil bha san tuasaid
Chaidh a' ruaig air na Leòdaich.
Druim nan RÃ mh 's Druim nan Aighean,
Gur iad m' aighear 's mo shòlas
Bhith gan siubhal air madainn
Dh'fhaicinn maise nam mòr-bheann,
ls a' ghrian air an adhar
Sguabadh thairis nan neòil dhith,
Chì mi Chìoch 's Sgurr a' Mhadaidh,
Sgurr Alasdair 's ceò oirr'.
Bheir mi sùil à sin sìos dhiom,
Chì mi riaghladh na glòire,
Chì mi Ealghola riabhach
Le ghobhair fhiadhaich a' còmhnaidh;
Ann am fradharc mo shùilean
Chì mi Rùm agus Sòaigh,
Chi mi Uibhist nam fuar-bheann,
Fada bhuam chì mi Leòdhas.
'S a Choir-uisg a' choir' Ã lainn,
Seo a' cheà rnaidh tha sònraicht';
Ann am Beurla 's an GÃ idhlig
'S lìonmhor bà rd rinn dhi òran;
Cha ghabh e inns' ann an dà n
No air clà r dhuibh a mòrachd;
Bha Cu-Chulainn a' snà mh ann,
B' e seo à ite na òige.
Nach robh còir ùmhlachd shìorraidh
A dhèanamh 's cha bheò e,
Do dh'Iain Mac Coinnich bha Sgobhsair
,
Siud a' chom a bha eòlach;
Chan eil creag 's chan eil frìth
Nach do dhìrich e òg iad,
Sgurr 'ac Coinnich le ainm oirr.
Morton, 's dh'aithnicht' 's an Roinn-Eòrp e.
Nì mi nise co-dhùnadh,
Seo mo dhùrachd 's mo dhòchas,
Gu faic a' fear siùdain
Rathad cùrsa dha m' òran;
Dh'fhà g mi 'n tà rmachan sgiamhach
Seo gu fìor à ite chòmhnaidh
Leis an iolaire Sgitheanach
'S is' tha riaghladh nan neòil ann.
Rugadh Calum Ruadh MacNeacail, mac le Iain mac Uilleim agus le Anna Dhòmhnaill Ruaidh, an Gead an t-Sailleir am Brà ighe Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach ...
Fiosrachadh air Calum 'Ruadh' MacNeacail / Learn more about Calum 'Ruadh' MacNeacailCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.