Òran air a sgrìobhadh le: Iain Tormod MacSuain agus air a sheinn le: Iain Tormod MacSuain.
This is a song written by: Iain Tormod MacSuain and sung by: Iain Tormod MacSuain.
'S ged nach cleachdadh dhomh bhith bà rdachd tha nam dhà n gun dèan mi luaidh
Air maise 's cliù is à illeachd an tè as fheà rr a
dh'fhàs oirr' suaimhn'
'S gur i an tè a ghrà dhaich mi air an do dh'fhàs aon
bhile gruaig
'S a-chaoidh cha dèan mi tà ir oirr', gus an cà rar mi
san ùir.
'S gur pearsach, dealbhach dh'fhàs i bho sà il gu bà rr a cinn,
A sùilean tha là n grà idh dhomh 's a còmhradh tha leam
binn;
A bilean tha mar ròsan 's a pòg chan eil nas mìls',
'S cha cheil mi fhìn gu brà th nach i à illeagan mo
chrìdh'.
Cha tèid e feast air dìochuimhn orm, aon oidhche 's mi ri taobh;
Bha ghealach na là n shoillse cur mais air feadh an
t-saoghail,
'S nuair sheall i orms' san aodann gu h-iochdmhor,
ciùin, le sùil,
Dh'fhà g siud mise cianail, 's mo chridhe reubt'
nam thaobh.
Their cuid gu bheil mi gòrach 's ro òg gu bhith an
gaol,
Ach cha dèan sin mo leòn-sa bhon tha mo bhòid dhith
saor;
Is tha mi ann an dòchas, mur bheil mo bharail faoin,
Gum bi i agam pòsda, 's gun dìth stòras oirnn no maoin.
Rugadh Iain Tormod MacSuain ann an 1923, fear de shianar chloinne a bha aig Ruaraidh Iain Breabadair, agus Cairistiona Chaluim Pìobaire. B' e Am Bùidsear ...
Fiosrachadh air Iain Tormod MacSuain / Learn more about Iain Tormod MacSuainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.