Rugadh Iain Tormod MacSuain ann an 1923, fear de shianar chloinne a bha aig Ruaraidh Iain Breabadair, agus Cairistìona Chaluim Pìobaire. B' e Am Bùidsear a chante ri Ruaraidh Iain agus bha bùth aca. B' ann ri iasgach a bha Iain Tormod.
Bha bà rdachd as na daoine. Rinn a bhrà thair Calum laoidhean agus rinn brà thair eile, Iain, a bha na mhaighstir-sgoile, marbhrann do bhrà thair eile, Murchadh, a bha na mhinisteir aig Eaglais na h-Alba.
'S ann do dh'Oighrig Moireasdan, Oighrig Dhòmhnaill Iain Dhòmhnaill Ailein, a rinn e an t-Òran Gaoil agus bha e air a rà dh gu robh iad a' suirghe air a chèile 's iad fhathast san sgoil. Mar a tha e ag rà dh anns an t-òran "Their cuid gu bheil mi gòrach, 's ro òg a bhith an gaol."
Phòs iad, ged-tà , agus bha ceathrar chloinne aca, Ruaraidh an toiseach, cà raid nigheanan, Criosaidh agus Mà iri Anna, agus an uair sin Donella.
Bha daoine uabhasach measail air Iain Tormod agus Oighrig agus glè dhuilich nuair a chaidh Iain Tormod a bhà thadh ann an 1969. Chaochail Oighrig ann an 1988. Chan aithne dhuinn gun d' rinn e bà rdachd no òran eile.
'S e Dòmhnall Eà irdsaidh Dòmhnallach agus Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain a chlà r an t-òran bhuaithe.
Tha sinn gu mòr an comain Mhòrag NicLeòid airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.