Òran air a sgrìobhadh le: Iain Caimbeul agus air a sheinn le: Gillebrìde Mac Ille Mhaoil agus Seumas Caimbeul.
This is a song written by: Iain Caimbeul and sung by: Gillebrìde Mac Ille Mhaoil and Seumas Caimbeul.
Fhuair mi briogais de mhoilsgin
'S bha i saor mar bu chòir dhith bhith,
Tà , cha robh i ro bhòidheach
Ann an dòigh thèid mi rà dh ribh;
On a chroch mi i chiad uair
Gus an deach i na h-iallan
Cha robh latha sa bhliadhna
Nach robh i 'g iarraidh a cà radh.
Nuair a chaidh mi ga ionnsaidh
Thuirt am marsanta riumsa
Bheir mi dhut cunnradh
Briogais ùr ghlan on tà illeir;
Bheir dhomh trì is sia sgillinn
'S gu dè 's fheà rr dhut na sineach,
Ged nach maireadh i mionaid dhut
Bhiodh i guinea aig cà ch ort!
Chreid mi 'n uairsin a bhriathran
'S dùil nach innseadh e breugan,
'S chuir mi null dha na dh'iarr e
Ged nach b' fhiach i ach pà irt
Dhen na thug mi seachad
'S nach robh ann ach an t-ainm dhith,
Niste chunna mi 'm bargan
Nuair bha mi searbh dhith ga cà radh.
Siud a' bhriogais bha daor dhomh
Mar a thuigeas na daoine
Bha mi sàs innte daonnan
'S iomadh aon thug dhomh snà thad;
Eadar phutan is aodach
Is pìos a dhìth oirre daonnan,
Bha i not tha mi smaointinn
Eadar saothair is cà ineadh.
Chan eil feum a bhith cantail
Na bhith 'g innse mar thachair,
Tha mo bhriogais-sa seachad
'S cha robh i math, tha mi 'g rà dh ribh!
Nuair a thug mi i dhachaidh
Bha gach aon rium a' cantail,
'S i tha brèagha san dath
Agus "Meal is caith i!" ars à san.
Saoil an urrainn dhomh innse
Mar a ghiorraich i m'inntinn
h-uile là agus oidhche
'G iarraidh pìos gus a cà radh;
Nuair a chromainn no dhìrinn
Chluinninn sracadh gu h-ìseal
Gus na dh'fhàs mi cho sgìth dhith
'S thug mi dìreach dhan cheà ird i.

'S ann à Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a Deas a tha Gillebrìde Mac Ille Mhaoil. An dèidh dha am Bonn Òr airson seinn san ...
Fiosrachadh air Gillebrìde Mac Ille Mhaoil / Learn more about Gillebrìde Mac Ille MhaoilRugadh Seumas Caimbeul, mac Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhà in, ùghdar Òran na Briogais, air Taobh a Deas Loch Baghasdal air 5 Cèitean, 1908. Tha ...
Fiosrachadh air Seumas Caimbeul / Learn more about Seumas CaimbeulCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.