Rugadh Seumas Caimbeul, mac Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhà in, ùghdar Òran na Briogais, air Taobh a Deas Loch Baghasdal air 5 Cèitean, 1908. Tha an teaghlach dom buineadh e ainmeil a thaobh bà rdachd agus òrain.
B' e Caimbeulach a bh' ann an Seumas bhon dà thaobh. Bha athair na chlachair mu thimcheall na sgìre agus bha e air fear de na clachairean a thog Eaglais Bhà gh a' Chaisteil ann am Barraigh. Bha a mhà thair, Mà iri nighean Iain Ruaidh, na pupil-teacher ann a' Loch a' Chà rnain aig aon à m. Bha i cuideachd math air seinn agus chlà r Mairead Fay Seathach mòran òrain bhuaipe.
Trà th anns an fhicheadamh linn ghluais an teaghlach à Loch a' Chà rnain gu Taobh a Deas Loch Baghasdal. Phòs Seumas agus Ciorstag Aonghais Bhà in, piuthar a' bhà ird Dòmhnall Aonghais Bhà in à Taobh a Deas Loch Baghasdal, agus bha còignear de theaghlach aca, triùir ghillean agus dithis nighean. B' e croitear a bh' ann an Seumas agus bhiodh e cuideachd ri obair na feamad.
Bha a' bhà rdachd a' ruith as na daoine, mar a dh'innis Iain MacAonghais (Iain Pheadair), air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 31 Dùbhlachd, 1997:
"Bha Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhà in ann, 's e bu shine de Chloinn Dhòmhnaill 'ic Iain Bhà in, agus bha mic aige a bha math air na h-òrain. Iain, a' fear as sine, agus bha Aonghas Iain math orra, agus gu h-à raidh link Ruaraidh, a' fear ris an cante "An Case", bha esan math orra. Agus Seumas, bha e fhèin a cheart cho math."
A bharrachd air a bhith na dheagh sheinneadair, bhiodh Seumas ri bà rdachd agus am measg nan òrain a rinn e tha 'Chunna mi 'n t-Each Bà n na Aonar' agus 'Òlaidh mi Buileach, Tha Tuilleadh 's an Stòpa'.
Ged 's dòcha nach eil a' bhà rdachd buileach cho là idir am measg nan Caimbeulach an-duigh, tha iad fhathast a' seinn. Bidh mic Sheumais, Dòmhnall Ruairidh agus Dòmhnall Antony a' seinn an-drà sta 's a-rithist aig cèilidhean ann an Uibhist agus tha Iain ri beagan bà rdachd cuideachd.
Chaochail Seumas air 23 Samhain, 1980, aig aois 72.
Tha sinn an comain Dhòmhnaill Ruaraidh Chaimbeul, mac Sheumais Chaimbeil, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.