Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna) agus air a sheinn le: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais).
This is a song written by: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna) and sung by: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais).
Chan eil dùil a'm bhon fhuair mi ùin' air
Nach dèan mi cùisean a chur an leud;
Na là ithean sunndach tha air mo chùlaibh
Nach fhaic mo shùil-sa nas mò dhiubh leus:
An uair a b' òg mi 's mi leum le sòlas,
Mun d' fhuair mi eòlas air bròn no sian,
Bidh siud an còmhnaidh a' tighinn nam chòmhdhail,
Gam fhà gail neònach is leòint' an ciall.
An uair a dh'fhalbhainn air oidhche reòta
'S an sneachda tòcadh, tighinn oirnn bhon tuath,
A' dol dhan mhòintich a chumail còmhdhail
Ri mac a' gheòidh ghlais, cha sòrainn fuachd;
Mi sna sgà than air chùl nan à rd-chlach
Nam shìneadh sà mhach, 's nam là mh mo luaidh,
An uair chaogainn sùil ris an fhear nach diùltadh
An t-sradag shiùbhlach a stiùireadh luath.
An t-sradag mheanbh ud a' stealladh dearg
Dhan an deannan fheargach bha marbhteach dlùth,
Cha ghabh e rian a chur air le iarraidh -
B' e nà dar riamh bhi gun chiall gun tùr:
Air lasadh shìos dha san ionad dhìonach,
A-mach tro bhial ann am priobadh sùl;
'S ann leam bu mhiannach a bhith ga riaghladh
'S bhith leigeil sìos ris an teine cùil.
Ri oidhche reòthta 's an iarmailt còmhnard,
Gun mheall gun sgleò no gun sgòth gu h-à rd,
Na reultan bòidheach a' clisgeadh còmhla
'S a' ghealach ghlòrmhor na còta slà n,
Bu mhòr an sòlas leam fhìn bhith beò ann
Is agam seòrsa de bhreòcladh slà int',
'S mi dol an òrdan ri damh na cròice,
Is agam còir air an dòigh no dhà .
Na gleanntan uaine 's na beanntan fuara
A' freagairt shuas dha ri fuaim a bheòil,
Aig neart an fhùdair nuair las e sunndach,
Le sradaig chùil thà inig dlùth bhon òrd.
Bhiomaide 'n uair sin air chrith le uamhas
Gum biodh mun cuairt oirnn gu luath an tòir,
'S nan cuirte 'n sàs sinn air taobh nan à rd-chnoc
Gum biodh a-mà ireach glas-là mh mar dòrn.
An t-sealg 's an t-iasgach bha sinne dìon dhaibh
Am measg fuil is crèadh ann an sliabh na Fraing,
Cha bhlais ar bial-ne air sgath gu sìorraidh -
Tha laghan dèante nach fhiach sinn ann:
Ach dha na h-uaislean a bh' air a' chluasaig
'S a' phlangaid shuarach 's i suas mun ceann
Bhiomaide 'n uair sin a-muigh aig uamhas
'S am peileir luaidhe mar cluais le srann.
Ach tha mi 'n dòchas gun cùmhnar beò dhinn
Na thogas tòrachd is còir nam beann
An uair thig na fiùrain lem briogais-ghlùine
Nach deach a-null air ar cùl dhan Fhraing;
'N uair thig iad dlùth dhut dèan caog-an-t-sùil riu,
'S ged bhiodh ann triùir dhiubh na crùb do cheann,
Oir 's mòr an tà mailt, ma chluinn am bà rd e,
Gun d' theich fear Gà idhlig air sgà th nan Gall.
Ghillean, falbhaidh sinn fo ar n-armachd,
Gun eagal eanchainn toirt marbh nar ceum,
Chun nan à rd-bheann a shiubhal fà saich,
'S bheir mise deà rrsach air damh an fhèidh.
'S ma thig na buachaillean tha gan uallach
Gu faigh iad uaigh ann am bruaich dhaibh fèin;
Thèid cabar ròigheil aig ceann gach seòid dhiubh
'S gun trà igh sinn stòp bho nach beò na dh'eug.

'S ann às a' Bhaile Shear an Uibhist a Tuath a bha Ùisdean MacMhathain, Ùisdean Sheumais Bhà in. Thug e iomadh bliadhna na gheamair, an toiseach air oighreachd ...
Fiosrachadh air Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) / Learn more about Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.