Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacIllFhialain (Dòmhnall Gobha) agus air a sheinn le: Aonghas MacIllFhialain (Ceap Breatainn).
This is a song written by: Dòmhnall MacIllFhialain (Dòmhnall Gobha) and sung by: Aonghas MacIllFhialain (Ceap Breatainn).
Mìle marbhaisg air an t-saoghal,
'S mise dh'fhaodadh a rà dh;
'S ann ormsa thà inig an caochladh
Seach aon uair mar bha.
'S mi nach bitheadh nam aonar
Air faondradh gun stà th;
Nach bochd mo sgeul leibh a dhaoine
'S mi 'n-diugh 's mo thaobh air an là r.
Anns an linn a chaidh seachad
Bu mhòr am beachd air mo ghnìomh;
Bha mi 'n uair sin glè reachdail
Le mac na braiche ga shnìomh.
Bha daoin'-uaisle leam cleachdte,
'S cha be 'm beachd a bhiodh crìon,
'S iad nach buaileadh orm bata
Ged tha 'n-diugh gaiseadh nam chliabh.
Bho linn bàs an duine shaoibhir,
Gilleasbaig Caimbeul mo ghrà idh,
Cha robh neach ann ri cainnt rium
'S cha mhuth' sheinnt' orm dà n,
Gus 'n do cheannaich MacFhraing mi,
Fear gun ghamhlas do chà ch;
Chuir e suas mi 'n taigh samhraidh
'S bu mhòr an call rinn sin dhà .
Rinn e gach nì mar bu mhiann leam
'S cha robh e spìocach mu dhèidh'nn;
Fhuair e copar gu cliath dhomh
'S phà igh e dèanamh ga rèir.
Bha gach nì an deagh riaghailt
Mar bu mhiann leinn gu feum,
'S thà inig cealgair' mar ghadaich'
A rinn ar glacadh le chèil'.
'S e gèidsear dubh na ban-ionnsaich'
Thà inig gar n-ionnsaidh a-nis;
Cha mhuth' bheir mi de chliù
Dhan neach a dh'ionnsaich dha slios.
Ged dhèanainn beagan de lionn
Cha b' ann air cosg a' chrùin bha mi ris;
Nach ceà rr 's nach d' rinn mi mì-ùmhlachd,
Mo thoirt gu cùirt gun luchd-meas.
Carson a chuirt' orm cìs
Airson ar cuid fhìn chur air dòigh,
An dèidh a phà igheadh dà -fhillte
'S fhaighinn sgrìobhte le còir?
Ma gheibh fear casga molasses,
Nach eil e ceart dha gu leòr
A chur gu feum mar is math leis
'S ma bhios e taitneach ri òl.
Na daoine còire dh'fhalbh uainne
'S nach eil buan, 's mòr an call;
Bu mhiann leo' suidhe mun cuairt orm,
'S iad fhèin bhiodh suairce mun dram.
Ciamar dh'iarramaid de dh'Ã ilgheas
Ach a bhith mar bha iad san à m?
Sinn an dòchas an-drà st'
Iad bhith 'n sòlas grà smhor gun cheann.
Nuair a chruinnicheadh a' chòisir
De dhaoine còire bhiodh ceart,
B' e 'm miann gum faighte nan còmhdhail
Mac na Tòisich gu pailt.
'S e bheireadh misneachd is dòchas
Dhan fhear òg a bhiodh tais,
A dh'fhà gadh ìosal fear bòsdail,
'S a dhèanadh òg am fear glas.
Ciamar dh'fhanas mi sà mhach
'S mo chridhe crà idhteach nam chom?
Cò an neach anns an à ite
Nach gabhadh pà irt ann am chainnt?
Nuair a chì iad an nà baidh
A bha ro-chà irdeil 's gach à m
Air a ghlacadh gun fhà bhar
'S a chur fo chà in a bha trom.
Nam b' ann an tìr nan sà r ghaisgeach,
Nan GÃ idheal gasta bha thall,
A rinn an nì bha seo tachairt,
Mar a ghlacadh MacFhraing;
Bhiodh an gèidsear fon casan
Ged bhiodh a dhaga na là imh;
'S iad nach tilleadh le taiseachd,
'S nach biodh fo chasan nan Gall.
B' e ogha den bhà rd, Dòmhnall MacIllFhialain, Dòmhnall Gobha, a bh' ann an Aonghas MacIllFhialain à Mira Mhòr an Ceap Breatainn. Bha e na shaighdear ...
Fiosrachadh air Aonghas MacIllFhialain (Ceap Breatainn) / Learn more about Aonghas MacIllFhialain (Ceap Breatainn)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.